Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

Seachdain nam Meadanan Soisealta

Latha na Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba – Fòram mu dheidhinn teicneòlas agus na meadhanan sòisealta ann an Gàidhlig

Chòrd an Latha Ghàidhlig rium ann an Dùn Èideann am feasgar seo aig Pàrlamaid na h-Alba. Thoisich an latha agam le fòram mu dheidhinn teicneòlas agus na meadhanan sòisealta ann an Gàidhlig.

Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu 2012

Bha an tachartas ’na chois pannail deasbaid aig Seachdain nam Meadhanan Sòisealta am bliadhna a chuir mi air dòigh san t-Sultain far an robh deasbad air cleachdadh na Gàidhlig, feum airson Apps ann an Gàidhlig, leabhraichean-dealain, Blogging agus cleachdadh na Meadhanan Sòisealta ann an sgoiltean.

A rèir oifigear leasachaidh Gàidhlig:

Tha an latha seo ag amas air buidhnean poblach agus buidnean Gàidhlig. ‘S e amas an latha a bhith a’ co-roinn deagh chleachdadh agus a bhith a’ coimhead air dòighean gus Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta agus tro bhathar bog.

Thug Michael Bauer (@AkerbeltzAlba), ceannard Akerbeltz, taisbeanadh inntinneach air a’ chuspair “Tha Gàidhlig air a’ choimpiutair agad”. Bha seo cothrom fiosrachaidh air na tha ri làimh a thaobh bathar-bog na Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta agus tro bhathar bog – airson liosta faic iGaidhlig.

As dèidh sin, thug Alison Lang (@AlisonLang), bull a’ bhùird aig Clì Gàidhlig, taisbeanadh air LearnGaelic.net as leth Clì Gàidhlig. ‘S e goireas air-loidhne nàiseanta airson luchd-ionnsachaidh a th’ ann an LearnGaelic.net.

An uair sin, thug Alasdair (seirbheis Ghàidhlig) is Linda (seirbheis fiosrachaidh) bhon a’ Phàrlamaid taisbeanadh a thaobh chleachdadh na Gàidhlig sna meadhanan sòisealta agus na leasanan a dh’ionnsaich sinn bhom blog Gàidhlig agus air na h-inbhirean Twitter Gàidhlig is Beurla aca gu ruige seo (@ParlAlba is @ScotParl).

An dèidh na taisbeanaidhean, chaidh sinn timcheall a’ bhùird. Ann am bùithtean-obrach a’ coimhead air dòighean gus Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta, bhruidhinn sinn air ceistean mar brosnachadh luchd-ionnsachaidh, a’ toirt air daoine le Gàidhlig a bhith ga cleachdadh sna meadhanan sòisealta, agus a’ togail inbhe na Gàidhlig am measg luchd na Beurla tro na meadhanan sòisealta.

Chaidh mi chun a’ choinneamh de Bhuidheann Thar-Phartaidh na Gàidhlig às dèidh am fòram seo agus an uair sin chaidh mi chun a deasbaid Gàidhlig BT Alba. ‘S e a chuirt dheireannach a bh’ ann dhen cho-fharpais eadar Sgoil MhicNeacail is Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich. Tha Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich air Deasbad BT Alba 2012 a bhuannachadh agus is e seo a’ chiad turas a tha an sgoil air na cuairtean deireannach a ruighinn. Dhearbh Eòghann Peutan agus Breigha Mhoireasdain gur e iadsan a bha airidh air a’ phrìomh dhuais. ‘S math a rinn iad.

Air an rathad air ais dhan cholaiste, bha mi a’ suidhe air an trèana leis an tidsear – Ruba – dhen sgioba seo agus thuirt i dhomhsa a ràdh ‘hàlo’ gu Meg Bateman, a caraid. Bha an sgioba fhathast air bhioran – agus bha sinn a’ bruidhinn sa Gàidhlig fad an turas suas gu Inbhir Nis! Bha siud math.

Sgrìobh Pàrlamaid na h-Alba pìos sa bhlog aice mun latha cuideachd.

Le Seumaidh Uallas (@SeumasUallas)

Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu 2012

Thachairt Seachdain nam Meadhanan Sòisealta ann an Glaschu eadar 24mh is 28mh an t-Sultain 2012.
Bha co-fharpais litreachais a’ ruith fad an seachdain, agus thagh Alison Lang is Marcas Mac An Tuirneir buannaich. Bha taisbeanadh ann cuideachd bho sgoilear aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus bha pannail deasbaid ann a bhruidhinn air Gàidhlig agus  nam Meadhanan Sòisealta.
Tim, Seumaidh agus Daniela
Bha mi toilichte a bhi 
an sàs an Seachdain nam Meadhanan Sòisealta am bliadhna agus tha mi glè thaingeil gu Tim Wright agus Daniela Castrataro aig TwinTangibles airson a’ cur cuireadh dhomhsa aig toiseach a’ bhliadhna a ghabail pàirt mar riochdaire airson a’ choimhearsneachd Gàidhlig.

Ro-Ràdh
Thug mi òraid beag mar ro-ràdh anns a’ Ghàidhlig. Cha robh an gràmair agam glè cheart ach dh’fheuch mi mar is fhearr a dh’fhaodas mi. Seo am pìos a leugh mi a-mach:
Fàilte chridheil agus mòran taing do a h-uile duine a tha an seo airson ar tachartasan Gàidhlig aig Seachdain nam Meadhanan Sòisealta ann an Glaschu am bliadhna – 2012. 

Nuair a thoisich mi Meetup Gàidhlig Ghlaschu ann an 2009, cha creidsinn gu bheil mi làitheil – an seo – còmhla ribhse agus ann an compàirteachas le caochladh duine is buidhnean le Gàidhlig no aig a bheil ùidh anns a’ cànan is cultur Albannaich, air àrd-ùrlar mòr a’ dèanamh tachartasan Gàidhlig beò, air loidhne ann an Glaschu – am baile mòr. Nam bheachdsa, ’s e rud cudromach a th’ ann agus tha e na puing taisbeanach gu bheil Gàidhlig beò, gu bheil ar cànain a’ fàsadh agus gu bheil ùidh gu leòr sa teanga, a chumail e a’ dol le misneach airson an t-àm ri teachd. 

Agus a thaobh an t-àm ri teachd, ’s e rud na cudromaiche gu bheil sgoilearan is oileanaich òg an sàs an mar a tha ar cànan dol air adhart. Seo an adhbhar a thoisich mi am pròiseact “Glaschu 2012” le Gillian Dick, neach-gnothaich soirbheachail à Ghlaschu. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil e cudromach an-diugh a thoirt iad stiùireadh is cothroman a chleachdadh na Meadhanan Sòisealta ann an Gàidhlig, taobh a-muigh na sgoiltean, na colaistean is nan oilthighean le misneach a bhrosnaich ar cànan bhrèagha. Tha sinn ag iarraidh a chumhachgachadh is ùghdarachadh ar daoine òg. Tha sin-se am prìomh amas na pròiseact.

Mar am facas tu, tha ùidh fìor mhòr agamsa Gàidhlig àrdachadh don a’ phoblach coitcheann agus tha mi nam bheachd gu bheil na meadhanan sòisealta deatamach sna làithean-sa son Gàidhlig a chuir air adhart.

Com-pàirtichean  
Tha tachartasan sònraichte an-diugh. Tòisichidh sinn le taisbeanadh bho Sheòras Costford às an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air a ghreis-obrach anns na Meadhanan Sòisealta. An uair sin, bidh pannail deasbad air “Gàidhlig agus Na Meadhanan Sòisealta”. Às dèidh sin aig 4.00f, bidh sinn a-faighinn a-mach cò tha bhuannaich an co-fharpais litreachail “An Litir Glè Bheag”.

Tha mi an dòchas gun còrdaidh ribh na tachartasan seo agus gum bi thu a’ gabhail pàirt is a’ cuir na dranndan (no Tweets) le #SMWGlaschu2012, a’ dèanamh postaichean air Facebook no fiù ’s a’ sgrìobhadh pìos air do bhlog.
Taisbeanadh is Pannail Deasbaid
Às dèidh an ro-ràdh agam, thug Seòras Costford, sgoilear aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, taisbeanadh air a ghreis-obrach aig Taigh Chailleann anns a’ bhaile mòir le tè-ghnothaich Gillian Dick.  Bhruidhinn e air a obair ann an Gàidhlig air an làrach-lìn mi-oifigeil “Glaschu 2014” – làrach-lìn ann an Gàidhlig is Beurla airson Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis ann an dà bhliadhna.
Pannail Deasbaid
Leantainn pannail deasbaid a bhruidhinn air Gàidhlig is cleachdadh na Meadhanan Sòisealta. Thug Alasdair McCaluim, Alison Lang, Gillian Dick, Seumaidh Uallas, Gabhan McGowan agus Seòras Costford pàirt ann an tachartas seo agus thug iad na beachdan aca air a’ chuspair seo. Bhruidhinn iad air cleachdadh na Gàidhlig, feum airson Apps ann an Gàidhlig, leabhraichean-dealain, Blogging agus cleachdadh na Meadhanan Sòisealta ann an sgoiltean.
Tweetaichean bho Lorna M. Nic Chaimbeul
Sgrìobh Lorna Nic Chaimbeul Tweetaichean air an taisbeanadh seo agus ’s urrainn dhuinn gearr-chunntas faicinn air bha sinn ag ràdh. 
’S e latha cudromach a bh’ ann airson Gàighlig an-diugh. Bha Gàidhlig air àrd-ùrlar air feadh an t-saoghal; agus aon rud nas inntinneach ge-tà a tha nach robh na tachartasan seo a’ tachairt anns a’ Ghàidhealtachd no san eileanan ach ann an Glaschu – Baile mòr nan Gàidheail!


Co-Fharpais: An Litir Glè Bheag

Na breitheamhan: Marcas Mac An Tuirneir agus Alison Lang
Leugh Alison Lang agus Marcas Mac an Tuirneir a-mach roghainn den litrichean glè bheag (no Tweetaichean) a fhuair sinn a-steach. Bhuannaich David Eyre a Glaschu leis an litir glè bheag seo:

A reir na breitheamhan, tha bàrdachd am follais an seo agus tha e gu math freagarrach airson an fhoghair cuideachd. Bhuannaich Daibhaidh Kindle E-Reader.
Mòran Taing
Bu thoil leam ag ràdh MÒRAN TAING is TAING MHÒR do gach neach a gabhail pàirt anns an seachdain sonraichte seo. Rinn sinn obair math airson Gàidhlig.

Seachdain nam Meadhanan Soisealta Ghlaschu agus mi-fhein!

Tha mi ag obair air proiseact ur aig Meetup Gaidhlig Ghlaschu airson Seachdain nam Meadhanan ann an Glaschu. Rinn mi bileag oidhche Dhomhnaich, rinn mi larach-lin airson an tachartasan a-raoir, agus reic mi aite son sanasan air am bileag againn an-diugh. Chaidh mi dhan choinneamh aig Taigh-osda Earra-Ghaidheal le Bobby agus an uair sin le Laurie aig Sutherlands a bhruidhinn mu dheidheinn ar cuirm-ciuil Sing-Up an ath Dhiamairt. Tha coinneamh eile agam a-maireach le Leona bho Fheis nam Meadhanan Cheilteach airson beagan comhairle air camarathan, etc airson livestreaming agus feumaidh mi na bileagan fhoillseachadh. Agus tha coinneamh eile oidhche Ardaoin! Tha mi a’ dol a bhi gu math trang…

Seachdain nam Meadhanan Soisealta – Meetup Gaidhlig Ghlaschu – Tachartasan

Social Media Week Glasgow

Faigh bloga air Wordpress.com.

Suas ↑