Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

agm

Tha mi nam runaire a-rithist!

Bha coinneamh bhliadhnail aig Meetup Gaidhlig Ghlaschu am feasgar. Thoisich e le ti is cofaidh, shortbread is jaffa cakes!

Rinn taisbeanadh mu dheidheinn ar buidheann bho Iuchar 2009 gu an-diugh agus air ar aithisg bhliadhnail cuideachd. As deidh sin, thagladh sinn airson oifigearean ura.

Tha Graeme Robb na chathraiche;
Tha Hayley Boyle na triosiaraiche; agus mar a thuirt mi suas, tha mise nam runaire son an darna turas.

‘S e buill cho-thaghadh a th’ ann an Eibhlin Blair, Louise Boyle agus Lindsay Macdougall.

Thuirt sinn moran taing gu Seoras Moireasdan agus Seumas Beattie airson a cuideachadh mar buill saor-thoiliche.

Thug mi preasantan beag gu sgioba stiuridhe 2010/2011 agus an uair sin chaidh sinn dachaigh.

Advertisements

Coinneamh bhliadhnail is clas air Skype

Bha mi ag obair air taisbeanadh a-nochd airson a’ choinneamh bhliadhnail aig Meetup Gaidhlig Ghlaschu. Tha ar Coinneamh Bhliadhnail air Diluain 8mh den Lunastal aig 2f san Leanag ann am Partaig. Larach-lin: leadership.gaelicglasgow.org.uk

Am feasgar bha mi air Skype airson clas comhraidh ach cha robh duine sam bith ann – a-mhain mi-fhein is ar oide Alasdair. Bidh an ath chlas Skype Diadomhnaich, 7mh den Lunastal aig 7f airson uair. S e clas saor an asgaidh a th’ ann. Tha fiosrachadh agam air a’ chlas seo: skype.gaelicglasgow.org.uk

Faigh bloga air Wordpress.com.

Suas ↑