Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

leabhraichean-d

Naidheachdan mun Leabhraichean-d Ghàidhlig

Fhuair mi teachdaireachd bho Clàr a-raoir a thaobh leabhraichean-d Ghàidhlig! ‘S e deagh naidheachd a th’ann – nam bheachdsa. Thuirt Clàr mar freagairt air mo bhlog gum bi iad a’ sgrìobhadh do ùghdarran a bha an sàs san sgèama Ùr-Sgeul airson cead nan leabraichean a reic air loidhne mar leabhraichean-d.

‘S e foillsichear Gàidhlig a th’ann an Clàr, agus a rèir an cunntas Twitter aca, tha iad ag obair neo-eisimeileach agus saor-thoileach.

Seo dè sgrìobh am buidheann:

Hi A Sheumais a charaid

Deagh naidheachd (tha sinn an dochas?). Theid a h-uile leabhar Ur-Sgeul a chur ann an cruth diodsatach – ma tha na h-ughdaran fhein ga iarraidh agus deonach – eadar seo agus deireadh 2014 (ma cheadaicheas an uine dhuinn!). Tha sinn air toiseachadh. Bidh sinn a’ cur fios gu na h-ughdaran. Tha sin a’ ciallachadh gu faod corr is 30 nobhail agus cruinneachadh de sgeulachdan goirid a bhith ann, an uine nach bi ro fhada, ma theid leinn. Bidh CLAR a’ deanamh sin agus cumaidh sinn fiosrachadh riut.

Cuideachd, theid Air Cuan Dubh Drilseach le Tim Armstrong (foillsichte le CLAR) a dheanamh mar leabhar didsiotach cuideachd, nas fhaide air a’ bhliadhna seo.

Leis gach deagh dhurachd,

CLAR
@clargaidhlig

 

Advertisements

Leabhraichean-d Gàidhlig

Ìmpireachd (Scottish Gaelic) By: Iain F. MacLeòid
luchdachaidh a-nuas

Bha mi airson leabhraichean ùr leughadh air mo thablaid an-uiridh. Dh’fheitheamh mi 14 mìosan gus cheannaich mi a’ chiad leabhar-d agam. B’ urrainn dhomh sin dhèanamh aig www.kobobooks.com agus cheannaich mi Ìmpireachd, an leabhar a leugh mi an-uiridh aig oilthigh, ach ’s e leabhar fìor mhath a th’ ann, nam bheachdsa. Tha leabhraichean-d Gàidhlig eile cuideachd aig Kobo Books.

luchdachaidh a-nuas
luchdachaidh a-nuas
luchdachaidh a-nuas
luchdachaidh a-nuas

‘S e leabhar Ùr-Sgeul a th’ ann an Ìmpireachd. Chuala mi aig co-labhairt gun deach pròiseact Ùr-sgeul a dùnadh am-bliadhna, agus a rèir Fòram na Gàidhlig, chaidh an làrach aig Ùr-Sgeul a dùnadh ann an 2011. Gu mì-fhortanach airson cuid ùghdaran, cha bhi gach leabhar a’ tighinn a-mach mar leabhar-d a rèir na cùmhnantan aca. Ach chan eil e neo-chomasach a chur gach leabhar bho sreath Ùr-Sgeul air loidhne.  Bu choir Comhairle nan Leabharichean a bhith ag obair leis na ùghdaran airson sin a dhèanamh is leabhraichean-d a dhèanamh.

San Damhair 2011, Rinn mi am film seo. Bha mi a’ gearain air Facebook mu dheaidhinn dìth na leabhraichean-d ann an Gàidhlig. Sgrìobh mi: 


Why is it I can buy a book that’s over 100 years old really easily from the Internet, and I can’t buy a modern book – that I need to read for my degree – anywhere in the world? Why aren’t Gaelic books available to download to my Kindle? Get it sorted!!!

“}” href=”https://www.facebook.com/video/video.php?v=1861959808280#” id=”.reactRoot[0]” indigenous=”true” style=”background-color: white; color: #6d84b4; cursor: pointer; font-family: ‘lucida grande’, tahoma, verdana, arial, sans-serif; font-size: 11px; line-height: 14px; text-decoration: initial;” title=”Like this item”>‘S toil ·  · Unfollow post · Co-roinn · Edit · 18 October 2011

Ma bhios Oilthigh Ghlaschu a’ cleachdadh “An Oidhche Mus Do Sheol Sinn” an ath bhliadhna, am bi an leabhar seo ri làimh?


‘e-book’ air ‘An Seotal’

Mìneachadh ann an An Seotal airson ‘e-book’ – www.anseotal.org.uk

Cruthaich làrach-lìn no bloga an-asgaidh air WordPress.com.

Suas ↑