Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

Mìos

An t-Sultain 2014

#LathaBuChòirOir… #YesBecauseDay #GoForItScotland

Baintighearna Alba! (Lady Alba)
Baintighearna Alba! (Lady Alba)

“Tha mi ag ràdh ‘Bu Chòir’ oir tha mi a’ fuireach ann an dùthaich gun dleastanas gu lèir airson na muinntir. Tha mi ag iarraidh fèin-riaghladh na h-Alba. Chan eil ar Pàrlamaid na h-Alba sàbhailte fo chumhachd is smachd aig Westminster. Tha mi ag iarraidh Alba gun Trident is armachdan niùclasach far nach eil bancaichean-bìdh sam bith.”

Advertisements

Railidh #GoForItScotland ann an Caerdydd, Cuimrigh

Abair latha soirbheachail an-dè airson Go For it Scotland aig Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh. Chaidh an tachartas air chraoladh air BBC Wales, ITV Wales agus air Sky News.

Clàradh

http://new.livestream.com/IndependenceLive/walesyes

https://www.youtube.com/watch?v=ioNiktaJ9KQ

Òraid a rinn mi

Muinntir na Cuimrigh, a chàirdean,

Chan eil ach còig làithean gus Reifreinn na h-Alba, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri Diardaoin mar 4.3 million luchd-bhòtaidh eile. ‘S e clàr a th’ ann. Chaidh ceithir fichead sa seachd deug as a’ cheud de luchd-bhòtaidh a chlàradh airson na bhòt an àth-sheachdain. Abair thoradh airson ar deamocrasaidh! Tha e fìor a ràdh gu bheil e glè spreòdaich. Tha e doirbh a chadal. Ach tha obair gu leòr a dhèanamh fhathast. Chan eil uair sam bith son a bhith furmailteach ge-tà.

Anns na còig làithean a tha seachad, às dèidh a’ chiad thoradh YouGov, chunnaic sinn an neart aig Westminster, na Meadhanan agus na margaidean, ann am maoim na h-anmoiche . Ach, chuala sinn na h-aon sgeulachdan mìosan air ais.
Tha mi a’ creidsinn gu bheil sinn daoine glic agus gu bheil sinn a’ feitheamh, feitheamh gus Diardaoin a chur crois air a’ phàipeir bhòtaidh. Agus tha mi a’ creidsinn gum bi ar deamocrasaidh soirbheachail Dihaoine.

Chan fhaca sinn gluasad cho mòr is làidir ann an Alba mar an iomairt ‘Bu Chòir’ againn airson neo-eisimeileachd na h-Alba. Thòisich an iomairt seo còrr is dà bhliadhna air ais le stiùireadh bho ‘Bu Chòir Alba’ ach o chionn bliadhna chunnaic sinn atharrachadh far an deach smachd beag air bheag dhan na buidhnean Bu Chòir ionadail agus mu dheireadh thall mu mhìos no dhà air ais dhan na phoblach gu lèir. Sin am smachd agus an cumhachd nach toil Westminster agus a meadhanan no na margaidean idir. Chan fhaca mi uair ann an eachdraidh na h-Alba nuair a bhios cumhachd mar sinn aig a’ phoblach. Mar sin, chanainn gum bu chòir do dh’ Alba an cumhachd agus smachd a chumail agus gus sin a dhèanamh feumaidh sinn Bu Chòir bhòtadh.

Agus tha sibh fhèin a’ cluich pàirt mòr ann an gluasad seo cuideachd. Tha nàiseanan agus dùthchannan eadar-nàiseanta mar Chuimrigh a’ coimhead oirnn le ùidh. Tha sinn taingeil gu tachartasan mar seo an-diugh agus bha an tachartas mòra ann am Barcelona an seachdain seo feumail. Chanainn siuthadaibh do Chatalòinia; agus chanainn dall oirbh do Bhreatnaich, a’ Chòrn agus nàiseanan eile.

Tha am brìgh agaibh uile cho cudromach. Agus nuair a bhios an àm ceart agaibh fhèin, bidh sinne ann còmhla ruinn a chuideachadh. Tha e soilleir gu bheil sinn ag obair math ann an co-obrachadh mar sgioba eadar-nàiseanta.

Tapadh leibh Go for it Scotland agus tapadh leibh sibhse, muinntir na Cuimrigh.

Cuimrigh, gabh an cothrom, dèan plana airson neo-eisimeileachd na Cuimrigh, bruidhinn ris a h-uile duine sna bàiltean agus cleachd an gluasad sòisealta a tha againn an-dràsta.

Cho fad ’s a tha Westminster ann am breislich, gun plana èifeachdach airson an t-àm ri teachd, tha mi cinnteach gum bi mòran cothroman a tighinn thugaibh.

Gabh an cothrom, a chàirdean. Dall oirbh!

Ie i’r Cuimrigh.

 

Dealbhan a rinn mi

Cuimrigh airson Alba Neo-Eisimeileach

Cymru’n Cefnogi Annibyniaeth i’r Alban – IE /-/ Cuimrigh a’ cuir taic do Neo-Eisimeileachd na h-Alba – Bu Chòir

Tha mi a’ siubhal sìos gu Caerdydd a-nochd gus pàirt a ghabhail aig tachartas taobh a-muigh Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh feasgar a-màireach. Cha robh mi riamh an sin no fiù ’s ann an Caerdydd, agus tha mi a’ coimhead air adhart beagan ’sightseeing’ a dhèanamh agus òraid a dhèanamh.

Bidh mòran luchd-labhairt eile ann còmhla rium:

  •  Leanne Wood AM (Ceannard, Plaid Cymru – Pàrtaidh Nàiseanta na Cuimrigh)
  • Ray Davies (Comh., Làbarach)
  • Pippa Bartolotti (Ceannard, Plaid Werdd – Pàrtaidh Uaine na Cuimrigh)
  • Amy Kitcher (Comh., Na Libearalaich Dheamocratach)
  • Jamie Wallace (Ball, Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba agus neach-labhairt na Gàidhlig)
  • Andrew Redmond Barr (National Collective)
  • Robin Crag Farrar (Cymdeithas yr Iaith)
  • Iestyn ap Rhobert (Ewch Amdani Alba / Go For It Scotland)
  • Pol Wong (Neach-iomairt)
  • Armon Gwilym + Harriet Protheroe-Davis (Litrichean de thaic bho Alba).

Bidh an tachartas seo a’ tòiseachadh mu 2f agus tha dùil agam cuideachd gum bi mi a’ bruidhinn air an reidio tràth sa mhadainn air Good Morning Wales mu 0830.

Co-fharpais Fèineag-G! Snapchat Competition time!

Social Media Alba ®

[English summary below]

snapchat

A bheil Snapchat agaibh? Tha FilmG Alba a’ cleachdadh an ap seo agus na meadhanan sòisealta eile gus co-fharpais a dhèanamh. Tha dà là eile a dhol gus an cinn-là.

Seo dè sgrìobh FilmG air Facebook:

FARPAIS CHUSPAIR 2015 – RIAGHAILTEAN

An dòchas gu bheil sibh uile deiseil! Cuiridh sinn a’ chiad dealbh a-mach air Snapchat aig 10.30 agus goirid as a dhèidh an seo agus air Twitter, agus thèid na dealbhan eile suas tron latha.

Nuair a tha beachd agad, tog selfie agus cuir an tuairmse agad air Facebook no Twitter, a’ cleachdadh ‪#‎FilmG‬ agus ‪#‎Gàidhlig‬ ach am faic sinn e.

Thèid an fharpais a dhùnadh aig meadhan-oidhche Diciadain [03.09.14]!””

Seo na tuaitaichean a rinn FilmG cuideachd:

View original post 179 facal eile

Cruthaich làrach-lìn no bloga an-asgaidh air WordPress.com.

Suas ↑