Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

iomairt

Margaid eile an-diugh ann am Pollagshaws #gàidhlig #margaid #margadh #Glaschu

Chaidh mi dhan margaid eile an-diugh faisg air Morrisons ann an Rathad Newlandsfield ann an togladh ùr aig Comman Ballcoise Phollag.

Bha am margadh seo a chuir air dòigh le “Smack Ma Pitch Up” (Cuir Mo Phiots Air).


Seo neach-obrach aig Smack Ma Pitch Up a’ cluich le ropa agus ball. Bha carthannas ann cuideachd aig an doras.

Chaidh mi a-steach agus bhruidhinn mi dithis – bha iad na luchd-ealain. Bha fear ann cuideachd bho an-dè (Chris Masson às an Gearasdan). ‘S e tidsear a th’ ann an tè eile, Linda Gillon, agus bha i ag innse dhomh nuair a bha i naoi bliadhna dh’aois, bhuannaich i co-fharpais ealain thar na sgoiltean ann an Glaschu gus tachartas sònraichte a chuimhneachadh (Glasgow 900).

A’ chiad cothrom-reic aig Linda Gillon:


Chris Masson Creates: 
Tùs: https://www.facebook.com/chrismassoncreates/posts/502759043220391:0

Tha e math, chan eil, tha e air leth, gu bheil mòran margaidean pop-up mar sin a’ tachairt gu tric. Comharradh ’s dòcha gu bheil misneach a’ fàs ann an sgìrean far nach robh cus cothroman a dhèanamh sion sam bith.

Advertisements

Latha no dhà ann am Beul Féirste aig Féile Liú Lúnasa le #gàidhlig is #gaeilge

Ràinig mi Beul Fèirste an-dè. Tha mi an seo gus feasgar a-màireach far am bi mi air mo shlighe air ais gu Glaschu. Bha mi ag iarraidh tighinn le mo rothair ach taing do Dhia cha d’rinn mi sin. Chan eil Rail and Sail glè fhreagarrach gu mi-fhortanach. ‘S e sgeul eile ge-tà, son bloga eile.


Thàinig mi gu Féile Liú Lúnasa a tha a’ tachairt son a’ chiad thùras. A-raoir bha cuirm-ciùil air leth. Agus cha robh dùil agam Gàidheil eile fhaicinn, ach sin mar a bha e agus mar bhuail ’s e oidhche nas sònraichte a bh’ann.

  Bha sinn a’ dannsadh cuideachd.


Chì sinn dè tha tachairt an-diugh!

Bhuannaich sinn Farpais-Cheist Taigh Seinnse Glaschu


Abair oidhche!

Bhuannaich an sgioba agam farpais-cheist taigh seinnse aig Taigh Òsta na Pairce ann an Glaschu a-nochd! Meal ar naidheachd: Fearchar, Ciaran is Lily! Ghabh mi drama Talisker ga chomharraich!

Bidh an ath cho fharpais Oidhche Mhàirt 18mh Dùbhlachd aig 7:30f. Tha e a cosg £2 gach neach a bhith an sàs agus tha duaisean ann airson an sgioba anns a’ chiad agus an dàrna àite. Tha barrachd air fiosrachaidh aig làrach-lìn Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu.

Taigh-òsta na Pàirce, 1194-1202 Sràid Earra-Ghàidheal, Glaschu, G3 8TE

Cà bheil Gàidhlig aig a’ Mhòid Nàiseanta Rioghail 2012 ann an Dùn Omhain?

 Chunnaic mi ceist air Facebook sa mhadainn a dh’fhaighneachd mi an-uiridh aig àm na Mòd ann an Steòrnabhagh agus chuir mi e a-mach a-rithist an-diugh:

Have you seen the logo for the Royal National Mòd in Dunoon 2012? Am faca tu an dealbh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rioghail ann an Dùn Omhain 2012?

Chan eil ach 2 duine ga faicinn! Agus thuirt tè eile: “Chunnaic mi an Logo. Ciamar a litrich tu ‘Earra Gaidheal’ a-rithist?” Freagairt mi: “Le a sràc?” Agus thug mi freagairt air ais nach robh ‘h’ ann cuideachd! Faic seo:

“Earra Ghaideal” an àite “Earra Ghàidheal”
Ach as-dèidh sin, lorg mi airson làrach-lìn. Agus tha fear ann! Cha b’ urrainn dhomh tuigsinn carson nach eil obair a chuir an làrach-lìn air adhart. Ach an uair sin, bha mi nam bheachd-sa nach robh e rud dona air sgàth nach robh ach aon duilleag sa Ghàidhlig air an làrach-lìn. Chleachd an comataidh buidheann gun eòlas ann an làrach-lìn da-chànanach. ‘S fheudar dhomh faighneachd carson!
Mar buail, sgrìobh mi Tweet agus sgrìobh mi post-dealain chun an rùnaire. Rinn mi lethbhreac na ceistean do Bhòrd na Gàidhlig cuideachd airson am beachd aca-san cuideachd. Tha mi a’ feitheamh an-drasda airson freagairtean air ais.

Chuir mi drannd air Twitter

Is it good enough to have only 1 page of on the DunoonMòd2012 official site? Comments to the secretary

Litir don a’ Mhòid 

A charaid chòir,

Chunnaic mi an làrach-lìn agaibh an-diugh airson a’ chiad thuras agus tha mi mi-thoilichte leis.

cha robh ach aon duilleag ann an Gàidhlig, agus nach eil e soilleir gu bheil e ann. ‘S e dìreach ceangal a th’ ann!

Thagh sibh “Pam Forsyth Web Design” a dhèanamh an làrach-lìn agaibh. Thug mi sùil air an cùram-roinne aig am buidheann seo, agus chan fhaca mi aon làrach-lìn a bha ann an Gàidhlig no a bha dèante ann an dòigh da-chànanach.

  1. Carson a rogh sibh am buidheann seo o chionn buidheann aig a bheil Gàidhlig?
  2. Carson nach robh làrach-lìn da-chànanach pàirt na cùmhnant eadar sibhse agus “Pam Forsyth Web Design”?
  3. Nach eil poileasaidh dà-chànanach no poileasaidh Gàidhlig aig Dunoon Mod 2012?
  4. A bheil ùidh aig Dunoon Mod 2012 a chur Gàidhlig air adhart no a bheil ùidh ann dìreach a’ chùmail a’ dol a’ Mhòd ann an dòigh Beurla?

Tha mi a’ gabhail sùil air adhart airson freagairt bhuatsa.

Le deagh dhùrachdan,

Seumaidh

Faigh bloga air Wordpress.com.

Suas ↑