Diardaoin, 21.03.2013. Seo an latha a chur Nichola Sturgeon ainm ri Bile an Reifreinn. ‘S e ceum mòr  air adhart gu dearbh, ach chan e lagh a th’ ann am bile seo fhathast ge-tà!

Tha Comataidh Bile Reifreinn (Alba) aig Pàrlamaid na h-Alba ris a bheil e an urra sgrùdadh a dhèanamh air an reachdas gus reifreann air neo-eisimeileachd a chumail ag iarraidh fianais mun Bhile.


Ma tha beachd agaibh air an cuspair seo, seo cothrom dhut! Tha an comataidh seo a’ sireadh bheachdan air a’ Bhile an-dràsda gus an 6mh latha dhen Ògmhios 2013.

Bhiodh e math fianais sgrìobhte ann an Gàidhlig fhaicinn. Agus gu h-araid a leughadh beachdan air cleachdadh na Gàidhlig airson na Reifreinn an ath bhliadhna.

Leugh mi na beachdan aig Art Cormack air Facebook. Thuirt e:

 “Bha mi caran leisg a dhol an sàs san deasbad seo ach tha mi den bheachd gur e gnothach cudromach a th’ ann don Ghàidhlig agus còirichean nan Gàidheal “. Sgrìobh e na litreachan an seo: https://dl.dropbox.com/u/5730322/GaelicReferendum.pdf

Tha mi eadar dà bharail. Bu chòir Gàidhlig a bhith cleachdadh ann an taghaidhean coitcheann, ach tha mi nam bheachd gum bi e nas fhearr sin a toiseachach le Riaghaltas ùr is neo-eisimleach. Tha eagal orm gun call sinn bhòtan airson neo-eisimleachd na h-Alba sa Galltachd. Ach air taobh eile, tha fios agam, a-rèir suirbhidh air bheachdan naiseanta, faisg air dà bhliadhna air ais, gu bheil taic ann airson Gàidhlig bhon a’ mhòr-chuid na poblach, agus ’s dòcha, bu chòir sinn Gàidhlig chleachdadh. Tha e doirbh dhomh a’ c uir romhad! ‘S docha bidh mi nas soilleir a-maireach is Didomhnaich às dèidh cothrom a bhruidhinn ri muinntir ann an Inbhir Nis.

Tùsan: 

Advertisements