Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

glasgow’s gaelic meetup

A-raoir aig Nollaig, Karaoke is Ceilidh le Gaelic Glasgow

Chord a-raoir rium gu leor. `S e oidhche mhath a bh’ ann. Thoisich sinn le Karaoke sa Ghaidhlig. Rinn mi lethbhreac an orain air YouTube bho Bun Sgoil Steornabhagh “measgadaich 80’s” ach cha d’ obrachadh e gle mhath! Duilich! Rinn sinn mi e fichead mhionaid mus do dh’ fhag mi am flat agam.

Co-dhiu, chleachd sinn an Karaoke DVD “Sinn thu Fhein” le MiLC is Proiseact nan Eilean, agus dh’ obrach e gle mhath tha mi toilichte a radh! Ge-ta, nuair a chleachd sinn an DVD an-uiridh lorg sinn nach robh e furasta airson a’ seinn, ach am-bliadhna-seo lorg sinn gun robh e math agus sheinn sinn 4 no 5 nan orain! Tha sinn a’ dol air adhart leis a’ Ghaidhlig 😀 Moran taing do Gerry airson a’ deanamh a’ chiad Oran an oidhche!

As deidh sin, sheinn sinn orain Nollaig sa Bheurla. Fairy Tale of New York (tha beagan Gaeilige ann) agus orain eile san DVD. An uair sin rinn mi a’ chiad ‘Crannchur-gill Nollaig’. Fhuair sinn moran duaisean bho companaidhean agus luchd-ionnsachaidh Ghaidhlig. Bha e gu math overwhelming a dh` fhaicinn an taic seo airson ar buidheann beag ann an Glaschu. Gu pearsanta, bu toil leam ag radh moran moran taing dhuibh uile. Rinn sibh torr luchd-ionnsachaidh Ghaidhlig uabhasach toilichte a-raoir 🙂

Thug Ridseart pios bardachd ann an Gaeilige a bha gu math inntineach – sgeul air Chriosdadh is Nollaig ge-ta cha tug mi moran! Chluich Craig na pioban agus chluich Catriona am fidhle-mor…i.e. the guitar! Agus sheinn Tony orain ur le Gaidhlig “Cearr” ‘S e oran sporsail a bh’ ann, gu dearbh!

Rinn sinn an raffle agus dh’ith sinn capearaiche (pieces) agus an uair sinn rinn sinn ceilidh dannsa.

Cha cuimhne agam a h-uile dad a thachairt an-drasta, ach rinn mi bhideoathan agus ni mi film goirid son am buidheann choinneachadh.

Moran taing do Hayley is Louise airson a’ chuir air doigh an tachartas seo agus do Lindsay airson do chuideachadh air an oidhche 🙂

PS – a Mgr Ghlaschu, tapadh leat airson dedication an oran, ach chan eil thu mo type 😉 lol



Advertisements

Oidean Ghàidhlig, luchd-taic cànain is misneachd

Tha mi air faicinn fàsmhorachd fhallain ann an oidean (no mar a chuala mi o chionn goirid ‘tutaran’) Ghàidhlig. Mar eisimpleir tha Ùlpan ann an inbhe mhath am-bliadhna. ’S e rud a th’ ann uabhasach math, ach tha an t-eagal orm! Às dèidh dà bhliadhna ag obair aig clasaichean còmhraidh ann an Ghlaschu, ’s urrainn dhomh fianais thoir gu dìth misneachd ann an iomadh dhiubh. Bidh iad a’ feitheamh air fònaig airson obair sam bith. Chan eil mòran dhuibh dealasach a bhith beagan tionnsgainneach. Bho m’ fhèin-fhiosrachadh chan eil air sgàth nach eil iad ag’ iarraidh a bhith nas spreigearra ach air sgàth gu bheil feum aca air mar a tha e comasach a bhith entrepreneur. Mar sin, rinn Meetup Gàidhlig Ghlaschu agus Buidheann Disathairne (Glaschu) iarrtais a-steach do Colmcille a thòisich air pròiseact ùr a thoirt oidean brosnachadh. Tha mi an dòchas gum bi an iarrtais soirbheas!

Air facal eile, leugh mi mu dìth luchd-taic cànain ann an Alba (‘Mind your languages’, Metro; ‘Rabhadh mu ghainnead luchd-taic cànain’, BBC Naidheachd: 14.11.2011). A-rithist, bha an t-eagal orm. Dh’ ionnsaich mi-fhèin Fraingis is Ghearmailt deichead air ais agus tha fios agam gur e mòran duine a th’ ann sa roinn Eòrpa a’ bruidhinn Gàidhlig. ‘S docha ’s e oileanaich no luchd-taic cànain a th’ ann an dùthchannan eile a tha dèonach ag obair ann an Alba leis a’ Gàidhlig? Mar eisimpleir: ann an clasaichean Fraingis tron Gàidhlig, clasaichean Gearmailtis tron Gàidhlig agus fiù’s Gàidhlig a-mhàin – nach robh cùrsaichean ann airson luchd-teagaisg Èireannach a thiginn a-nall?). B’ urrainn dhuinn taic is seirbheisean aig Alliance Française no Goethe Institut cleachdadh agus taic bho Chomhairle Bhreatannaich cuideachd. Bha neach-taic cànain agam nuair a bha mi aig sgoil – Florence. Thoisich i iomlaid-‘penpal’ agus sgrìobh mi do Laëtitia. Dh’fhàs sinn mòr aig a chèile agus mu deich bliadhna air ais chaidh mi air a’ bhanais aice. ’S e caraid a th’ annam fhathast agus bidh mi a’ dol gu a cuirm-bhliadhnail aice ann am Màrt. Tha luchd-taic cànain math airson cùisean dhùthchannan cèin! ’S docha ‘s e sin deagh adhbhar eile a thoirt mòran dhuibh do Alba.

Oidhche mhath a bha a-raoir aig Ceol is Craic

Rainig mi beagan fadalach aig cothrom comhraidh agus dh’ionnsaich mi as deidh gun robh fion an-asgaidh aig an toiseach an oidhche… Cha d’fhuir mi glainne!

Och uill, co-dhiu gheibh mi pairt ann an cearcal comhraidh fo stiuriche de Sine aig CnaG. Bha sinn a’ bruidhinn mu dheidheinn biadh. Bha clar-bidh sonraichte ann airson Ceol is Craic ach b’ e ro fhancaidh air mi shon – dh’ ith mi Indian air Rathad an Byre le Gordon ro an seisean.

An uair sin, chunnaic mi fiolm aig Timothy Neil(?) Agus bha ro-radh ann le Timothy co a tha ga dheanamh. B’ e Hallaig t’ ainm a bh’ air le fiolm mu dheidheinn Somhairle Mac Ghill Eathain.

As deidh am fiolm, shuide sinn sios airson bardachd is ceol agus beagan Standup le Carina NicLeoid. Bha orain snog aig Mairi Sine Chaimbeul agus ceol math aig Suzanne, Daibhaidh is Pearlfishers agus na BMX Bandits.

Fhuir mi dachaigh aig uair sa mhadainn. B’  deagh oidhche a bh’ ann gu dearbh!








Seachdain sa chaidh

Bha seachdain gle thrang!

Rinn mi coinneamh comhla ri mo dhotair trath madainn Diluain agud fhuair mi prescriptions airson mo phalsy. As deidh sin, rinn mi lethbhreacain mo thaisbeanadh aig an taigh airson coinneamh bhliadnail aig Meetup Gaidhlig Ghlaschu aig 2f san Leanag. Tha mi toilichte ag radh gun robh coinneamh math agus tha sgioba stiuireadh ur is deonach againn.

Chaidh mi dhan Ionad Spors ann an Pollag airson coinneamh comhla ri neach-spors aig Glasgow Club. Tha plana exercise agam fhathast airson 6 miosan. An uair sin, chaidh mi dhan coinneamh san Leanag a bhruidhinn mu dheidheinn SMWGlaschu (Social Media Week Glasgow – 19-23 September) comhla ri Iomairt Gaidhlig Ghlaschu is riochadairean aig MG Alba. Bha coinneamh math le deagh smaoinan.

Cha cuimhne agam an-drasta de a thacairt Diciadain, ach Diardaoin bha mi aig mo ‘weigh-in’ agus tha am phase A agam gu crioch. Toidichidh mi air an darna phase an ath mhios.

Bha mi ag obair Dihaoine air duilleagan is  larach-lin aig Glasgow’s GaelicMeetup.

Chuir mi air doigh mo luggage Disathairne is Diadomhnaich airson siubhal gu Steornabhagh Diluain. Rinn mi beagan obair-taigh cuideachd!

Tha mi nam runaire a-rithist!

Bha coinneamh bhliadhnail aig Meetup Gaidhlig Ghlaschu am feasgar. Thoisich e le ti is cofaidh, shortbread is jaffa cakes!

Rinn taisbeanadh mu dheidheinn ar buidheann bho Iuchar 2009 gu an-diugh agus air ar aithisg bhliadhnail cuideachd. As deidh sin, thagladh sinn airson oifigearean ura.

Tha Graeme Robb na chathraiche;
Tha Hayley Boyle na triosiaraiche; agus mar a thuirt mi suas, tha mise nam runaire son an darna turas.

‘S e buill cho-thaghadh a th’ ann an Eibhlin Blair, Louise Boyle agus Lindsay Macdougall.

Thuirt sinn moran taing gu Seoras Moireasdan agus Seumas Beattie airson a cuideachadh mar buill saor-thoiliche.

Thug mi preasantan beag gu sgioba stiuridhe 2010/2011 agus an uair sin chaidh sinn dachaigh.

Coinneamh bhliadhnail is clas air Skype

Bha mi ag obair air taisbeanadh a-nochd airson a’ choinneamh bhliadhnail aig Meetup Gaidhlig Ghlaschu. Tha ar Coinneamh Bhliadhnail air Diluain 8mh den Lunastal aig 2f san Leanag ann am Partaig. Larach-lin: leadership.gaelicglasgow.org.uk

Am feasgar bha mi air Skype airson clas comhraidh ach cha robh duine sam bith ann – a-mhain mi-fhein is ar oide Alasdair. Bidh an ath chlas Skype Diadomhnaich, 7mh den Lunastal aig 7f airson uair. S e clas saor an asgaidh a th’ ann. Tha fiosrachadh agam air a’ chlas seo: skype.gaelicglasgow.org.uk

Faigh bloga air Wordpress.com.

Suas ↑