Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

Mìos

An Cèitean 2013

Tha mi nam agallamhaiche…aidh, mise!

2013-02-23 09.08.38
Seumaidh aig an Ionad Saor-Thoileach

Thòisich mi obair ùr an-diugh airson na Geamaichean Cho-Fhlitheas Ghlaschu. Tha mi nam Frontrunner agus tha mi a’ dèanamh agallamhan a lorg arm de 15,000 saor-thoileach airson an ath bhliadhna. Tha mi ag amas a dhèanamh 100 uair ro 15mh an Dùbhlachd. An-diugh cha d’ rinn agallamhan. An àite, bha mi a’ dèanamh GMS – ag obair air na compuitairean a’ dèanamh cinnteach gu bheil dearbh-aithnean nan daoine ann airson agallamhan ceart gu leòr. Bidh mi air ais Diciadain airson agallamhan dhèanamh!

Advertisements

Air ais ann an Lios MoChuda

2013-04-20 13.40.44

Às dèidh bliadhna sgoilearach aig Sabhal Mòr Ostaig tha mi air ais aig taigh mo phàrantan airson dreis. Rinn mi mo dhìcheall mo chuid Gàidhlig a mhathachadh agus dh’fhàg mi le càirdean agus féin-fhiosrachaidhean ùra. Dh’ionnsaich mi tòrr mu dheidhinn bheatha nan Gàidheal òga agus cuideachadh gu bheil àm gu leòr airson beagan spors bho àm gu àm!

Chòrd e rium a’ dol do Café Ostaig a bhruidhinn gu nadurrach sa Gàidhlig, na clasaichean drama agus dealbh-cluiche, na ceilidhean fèin-thoileil agus cùrsa reidio a rinn mi.

Tha mòran mòran cothroman an sin an cànan a chleachdadh gu nadurrach agus gu proifeiseanta. Tha an colaiste seo a’ deanamh obair fìor mhath. Bha mi moiteil a bhith an sàs ann an tòiseachadh na sgioba ball-coise, CONEA agus an t-iomairt Oileanaich le Chèile .

Taobh a-muigh am foghlam, feumaidh mi ràdh gur ann na h-oidhche a bhruidhinn mi aig coinneamh Yes Skye airson Alba neo-eisimeileach a bha an soillsich agam.

Faigh bloga air Wordpress.com.

Suas ↑