Bha coinneamh agam sa mhadainn leis a’ BhP agam, Tom Harris, mu Gàidhlig agus Coimisean Mhic a’ Ghobhainn. Bha Dòmhnall Caimbeul a neach-rannsachaidh aige is neach-rannsachaidh eile ann cuideachd. Chaidh an coinneamh seachad ceart gu leòr agus tha e ag èisteachd fhathast. Tha an dòras fhathast fosgailte.

Thuirt e gu bheil esan a’ bruidhinn “Breatannach” ach bha mi soilleir dha gun robh mi ann dìreach a bhruidhinn air Gàidhlig ann an co-theacsa eaconomaich agus sòisealta; agus cha robh mi ann a bhruidhinn air  dearbh-aithne – tha an comhnaidh cothroman ann sin a dhèanamh. Bha mi airson slighe air adhart lorg. Thurt mi ge-tà gun robh eagal orm air ro-innleachd aig a’ Phartaidh Labaraich a bhith na “One Nation State” oir tha e gu math bagrach do na cultaran is cànain againn san RA.

Cha robh fios aige air a’ Chòirn agus mhìnich mi gu bheil aithneachadh aca gu bheil iad an nàisean oifigeil a-nis. Bha iongantas air agus cha robh e a’ coimhead toilichte le sin.

Thuirt mi cuideachd ged a tha Cuimris gu math làidir san RA (misneach is cothroman gus Cuimris a chleachdadh), tha Cuimris gu math lag an-dràsta ann an comais le mion-cànain eile san Roinn Eòrpa; agus mar sin bu chòir do chothroman a bhith ann gus ar mìon-chànain a leaschadh air feadh an RA .

Bhruidhinn mi air ciamar a bhiodh e nas fhèarr ma bhios cùmhachdan cosnaidh againn. Mhìnich mi gu bheil adhartais math againn aig ìre a’ bhun-sgoil ach às dèidh na sgoile chan eil mòran cothroman ann an-diugh aig na sgoilearan a bhith a’ cleachdadh na sgìlean cànain ann an companaidh aca-fhèin an àite a’ dol a dh’obair airson companaidh eile no a’ dol air creideasan uile-choitcheann. Tha cothroman ann co-dhiu ann am foghlam, leasachadh agus craoladh.

Ann an co-theacsa na RA, bhiodh e math cothroman ann an Gàidhlig a chleachdadh ann an àite sam bith agus chan eil dìreach ann an Alba oir tha mòran duine aig a bheil Gàidhlig a’ fuireach ann am bàiltean eile taobh a-muigh Alba san RA dìreach mar a tha muinntir na Cuimrigh a’ fuireach ann an Alba. Tha feum ann fhathast airson urram co-ionnann aig Ìre RA airson Gàidhlig gu h-àraidh ann an comais leis a’ Chuimris – agus fiù ’s sa chuis nuair a tha mòran cùmhachdan a’ tighinn do dh’Alba.

Leis na cùmhachdan sin, bhiodh na cothroman (sòisealta) fad nas motha agus nas fhèarr; agus san t-àm ri teachd bhiodh e comasach a dh’fuirich aig an taigh no faisg, an àite a bhith a’ siubhal do àitchichean eile airson obair, mar eisimpleir, gu Lunnainn. Bhiodh cothroman ann airson buidhinn poblach mar DWP a chleachdadh an lìonra aca gus cothroman obrach is tàilleabhachdan a chur air adhart far a bheil Gàidhlig feumail no far a bheil miann ann son a’ chànain. Agus far am bi na cùmhachdan aig an DWP a’ tighinn gu Alba, feumaidh Gàidhlig a bhith an sàs ann an siostam/instituid/Roinn ùr airson Alba.

Thuirt mi gu bheil fòcas laidir an-diugh air roinn na foghlaim is craoladh, agus leis na cùmhachdan cosnaidh bhiodh cothrom an uair sin a chur iomairtean air dòigh a bhiodh an sàs ann am beatha sòiseo-eaconomach; agus bhruidhinn mi air Cairt Eòrpach nam Mion-Chànan mar tùs de bheachdan airson reachdas. Thuirt mi nach eil cothroman ann an ospadalan, ostailean is taighean-cùraim na Stàid (RA) an-diugh gus Gàidhlig a chleachdadh, fiù ’s ann an Lunnainn far a bheil Gàidheal is luchd-labhairt na Gàidhlig a’ fuireach is ag obair.

Bha mi ag ràdh cuideachd gum biodh e nas fhèarr ma tèid dleastanas airson craolaidh againn cuideachd. Thuirt mi gum biodh e nas fhèarr ma bhiodh sin a’ chuis airson Alba gu lèir agus chan eil dìreach airson seirbheisein na Gàidhlig.

Tha e airson ‘cnac na cùise’ fhaighinn, rudeigin cruadh a bhiodh math a dhol air adhart mar atharrachadh do an ath Achd na h-Alba. Thuirt e gu bheil dè sgrìobh mi bha gu math dà-sheaghach. Tha e ag iarraidh beachdan air poileasaidhean. Tha e ag iarraidh tairgse (laidir) far am bi e comasach ga chleachdadh ann an Taigh nan Cumantan.

Bidh e a’ sgrìobhadh air ais thugam ann an greis, agus thuirt e gum bidh e a’ bruidhinn ri Rhoda NicDhomnaill agus a’ dèanamh fiosrachadh coitcheann airson slìghe air adhart fhaighinn. Thuirt e ma bhios beachdan eile agam a leigeil fios thuige.

Ma tha beachdan eile aig duine sam bith a dhol air adhart le sin sgrìobh post-d/teachdaireachd thugam.

Cha do bhruidhinn mi air Còraichean a’ Chinne-Daonna no na còraichean sòisealta a thighinn bhon Roinn Eòrpa.

Advertisements