Aon latha a-mhàin… Sin a bha mise an-diugh.

Dhùisg mi tràth agus fhuair mi trèana sa mhadainn. Bha mi fortanach gun deach luchd na Gàidhlig eile agus bha cothrom ann a dh’ èisteachd ris a’ chànain agus a bhruidhinn. Dh’ionnsaich mi beagan mu dheidhinn make-up agus glam cuideachd! Bha e inntinneach.

Ràinig sinn beagan an-dèidh 11.30m.

Bha mi glè thoilichte Eilidh fhaicinn. Chan fhaca mi ise fad bliadhna no dhà.

Chaidh mi dìreach dhan Taisbeanadh aig na tallaichean. An sin bha e math daoine eile fhaicinn. Chuala mi mun iomairt ‘Spòrs Gàidhlig’ aig CnaG (www.spors.scot) agus beagan ceòl le Ewen Henderson. An uair sin chaidh mi a-mach airson greine.

Leugh mi tuit na bu thraithe san fheasgar a bha èibhinn…

Tha an dearbh rud sin daonnan a’ tachairt dhomhsa air an iPad seo.

Choisich mu suas gu Tur MhicChaig. Abair shealladh a bha air mo bheulaibh.

Chaidh mi airson pinnt agus far a bheil mi a-nis. Tha mi a’ dol dhan tachartas ann an greis agus an uair sin bidh mi air an trèana a-rithist gu Glaschu. 

PS – Tha an làrach-lìn aig Mòd an Òbain am fear nas fhèarr gu ruige seo, agus bha App aca cuideachd. Adhartais airson 21mh linn!

Advertisements