Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

Gàidhlig

#AirMoShlighe

bty

Air m’ iomairt airson neo-eisimeileachd na h-Alba, air an 17mh latha den t-Sultain 2014, chluich sinn òrain na Proclaimers air an rathad thar tanoidh an bhana againn. Tha mi ga chluintinn fhathast sa cheann agam bho àm gu àm. Tha e gam phutadh an-diugh nuair a bhios mi a’ coiseachd air feadh na dùthcha. Tha e gam bhrosnachadh, gus an ath iomairt airson neo-eisimeileachd.

I’m on my way from misery to happiness today
I’m on my way from misery to happiness today
I’m on my way to what I want from this world
And years from now you’ll make it to the next world
And everything that you receive up yonder
Is what you gave to me the day I wandered

Songwriters: Charles Stobo Reid / Craig Morris Reid
I’m on My Way lyrics © Warner/Chappell Music, Inc
Advertisements

Mo Gheamaichean

 

 

 

podium

Thòisich mi ag obair aig na Geamannan Co-Fhlaitheas anns a’ Chèitein, là no dhà mus d’ rinn mi deuchainnean aig Oilthigh.

 

 

2015 in review

The WordPress.com stats helper monkeys prepared a 2015 annual report for this blog.

Here’s an excerpt:

A San Francisco cable car holds 60 people. This blog was viewed about 580 times in 2015. If it were a cable car, it would take about 10 trips to carry that many people.

Click here to see the complete report.

Cuid mhath na #Gàidhlig aig a’ Cho-labhairt #PNA15 ann an Obar Dheathain #SNP15

“NAS LÀIDIRE AIRSON ALBA”12096419_10203821880827008_1371114008744295738_n

Anns an alt mu dheireadh agam ann an Iris Neo-Eisimeileachd, sgrìobh mi gum bi mi ag obair air iomairt ùr gus Gàidhlig a bhrosnachadh anns a’ Phartaidh.

Bho Dhiardaoin gus an-diugh, bhruidhinn mi sa Ghàidhlig le ochdnar agus bhruidhinn mi ri còignear eile a tha ag ionnsachadh Gàidhlig. Chuala mi cuideachd gun robh ùidh aig an stannd cuideachd airson an coilbh iris agam.

Chunnaic mi Gàidhlig air leintean-T agus baidsean.

Bhruidhinn mi ri neach-obrach PNA ag obair ann an Westminster agus thuirt e dhomh gun d’fhuair e eadar-theangachadh de Hansard sa Gàidhlig latha an dèidh a chur an neach-obrach seo iarrtais a-steach – fhuair e e.

An-diugh, rinn mi deuchainn air Twitter agus chunnaic mi gun robh beagan ùidh Twitter a chleachdadh. Bha 9 cunntasan gu lèir an sàs anns an iomairt seo:

  1. @Gille_Ruadh
  2. @Gaidhlig_
  3. @Seumaidh
  4. @Martainn_84
  5. @Tirnamblog
  6. @fergles
  7. @gaelic67
  8. @1johnmacdonald
  9. (agus @WilsonMcLeod, taobh a-muigh an taga-hais #PNA15)

Seo an còmhradh air Twitter an-diugh:

[‘S e Kate Forbes (‏@kate4SLB) an t’ ainm a th’ innte.]

Mòd Nàiseanta #Gàidhlig an Òbain…ann an coup d’oeil!

  
Aon latha a-mhàin… Sin a bha mise an-diugh.

Dhùisg mi tràth agus fhuair mi trèana sa mhadainn. Bha mi fortanach gun deach luchd na Gàidhlig eile agus bha cothrom ann a dh’ èisteachd ris a’ chànain agus a bhruidhinn. Dh’ionnsaich mi beagan mu dheidhinn make-up agus glam cuideachd! Bha e inntinneach.

Ràinig sinn beagan an-dèidh 11.30m.

Bha mi glè thoilichte Eilidh fhaicinn. Chan fhaca mi ise fad bliadhna no dhà.

Chaidh mi dìreach dhan Taisbeanadh aig na tallaichean. An sin bha e math daoine eile fhaicinn. Chuala mi mun iomairt ‘Spòrs Gàidhlig’ aig CnaG (www.spors.scot) agus beagan ceòl le Ewen Henderson. An uair sin chaidh mi a-mach airson greine.

Leugh mi tuit na bu thraithe san fheasgar a bha èibhinn…

Tha an dearbh rud sin daonnan a’ tachairt dhomhsa air an iPad seo.

Choisich mu suas gu Tur MhicChaig. Abair shealladh a bha air mo bheulaibh.

Chaidh mi airson pinnt agus far a bheil mi a-nis. Tha mi a’ dol dhan tachartas ann an greis agus an uair sin bidh mi air an trèana a-rithist gu Glaschu. 

PS – Tha an làrach-lìn aig Mòd an Òbain am fear nas fhèarr gu ruige seo, agus bha App aca cuideachd. Adhartais airson 21mh linn!

Margaid eile an-diugh ann am Pollagshaws #gàidhlig #margaid #margadh #Glaschu

Chaidh mi dhan margaid eile an-diugh faisg air Morrisons ann an Rathad Newlandsfield ann an togladh ùr aig Comman Ballcoise Phollag.

Bha am margadh seo a chuir air dòigh le “Smack Ma Pitch Up” (Cuir Mo Phiots Air).


Seo neach-obrach aig Smack Ma Pitch Up a’ cluich le ropa agus ball. Bha carthannas ann cuideachd aig an doras.

Chaidh mi a-steach agus bhruidhinn mi dithis – bha iad na luchd-ealain. Bha fear ann cuideachd bho an-dè (Chris Masson às an Gearasdan). ‘S e tidsear a th’ ann an tè eile, Linda Gillon, agus bha i ag innse dhomh nuair a bha i naoi bliadhna dh’aois, bhuannaich i co-fharpais ealain thar na sgoiltean ann an Glaschu gus tachartas sònraichte a chuimhneachadh (Glasgow 900).

A’ chiad cothrom-reic aig Linda Gillon:


Chris Masson Creates: 
Tùs: https://www.facebook.com/chrismassoncreates/posts/502759043220391:0

Tha e math, chan eil, tha e air leth, gu bheil mòran margaidean pop-up mar sin a’ tachairt gu tric. Comharradh ’s dòcha gu bheil misneach a’ fàs ann an sgìrean far nach robh cus cothroman a dhèanamh sion sam bith.

A’ Chearnag agus BAaD aig na Barras #IomairtShòisealta #Glaschu #Alba


Tha mi a’ gabhail srùbag an-dràsda, cofaidh agus pìos ceic, ann am bùth chofaidh saor an asgaidh. ‘S e iomairt shòisealta a th’ ann far am bheil luchd-ceannard faigh lòn airson tiodhlac. Tha tòrr iomairtean eile an seo cuideachd mar phàirt de “Market on the Corner” a tha a’ tachairt gach mìos air a’ chiad Disathairne is Didòmhnaich.
Seo Dennis, stiùiriche Free Lunch Cafè agus neach saor-thoileach:

  

Chunnaic mi càraidean an seo am feasgar seo. Colin bho na clasaichean còmhraidh a rinn mi ann an Glaschu ann an 2010 – 2012; chunnaic mi Sarah agus Mark bho Coffee and Craic agus Dennistoun Photographers; agus chunnaic mi Sophia bho Treemendus, gnìomhachais shòisealta an sàs anns an togladh seo. Seo am fèineag againn:


Chunnaic mi luchd-borsch bho Glad Rags ‘Thrift Store’ cuideachd. Tha bùth aca faisg air an Glad Café ann an Shawlands, taobh a deas Ghlaschu.


Bhruidhinn mi ri Ian aig Galgael, Carol aig Creating Space agus Carrie a tha a’ dèanamh bùth-obrach ag obair le glainne ann an dathan eadar-dhealaichte agus a’ dèanamh seudraidh.

‘S toil leam an obair aig Galgael. Nach biodh e math ge-tà nam biodh Alba is Gàidhlig eile cleachdte air an obair aca? Seo Ian le pìos obair sgoinneil le dealbh na h-Alba…


Seo Carrie a’ cruthachadh bàta a-mach a ghlainne:

Agus seo Carol aig Creating Space a’ dèanamh’madela’ ann am bùth-obrach fosgailte. Bha i ag ràdh dhomh gu bheil i a’ lorg cothroman eile gus bùthan-obrach eile a dhèanamh.

Tha nìthean gu leòr airson cloinne mar ‘Messy Kids’ agus ‘Hamster Wheel’:

Agus airson na daoine a tha ag iarraidh àm son fois agus a chillax tha seòmar dorcha ann a’ cluich ceòl sònraichte aig an ‘Dream Machine‘, iomairt shòisealta eile.


Chòrd an tadhal seo rium gu mòr an-diugh. Bidh mi air ais gun teagamh.


Fhuair mi moladh a dhol do mhargadh eile ri taobh an seo, agus mar sin chaidh mi gu BaaD airson greis.

Chunnaic mi ann mòran stuthan Albannach ann agus tòrr duine cruthachail. 

   
 

Latha no dhà ann am Beul Féirste aig Féile Liú Lúnasa le #gàidhlig is #gaeilge

Ràinig mi Beul Fèirste an-dè. Tha mi an seo gus feasgar a-màireach far am bi mi air mo shlighe air ais gu Glaschu. Bha mi ag iarraidh tighinn le mo rothair ach taing do Dhia cha d’rinn mi sin. Chan eil Rail and Sail glè fhreagarrach gu mi-fhortanach. ‘S e sgeul eile ge-tà, son bloga eile.


Thàinig mi gu Féile Liú Lúnasa a tha a’ tachairt son a’ chiad thùras. A-raoir bha cuirm-ciùil air leth. Agus cha robh dùil agam Gàidheil eile fhaicinn, ach sin mar a bha e agus mar bhuail ’s e oidhche nas sònraichte a bh’ann.

  Bha sinn a’ dannsadh cuideachd.


Chì sinn dè tha tachairt an-diugh!

Postair sgoilearach a rinn mi mu Latha Twitter na #Gàidhlig airson #iccs15

comhdhail

An t-seachdain seo, ghabhail mi pàirt san XVmh Còmhdhail Eadar-Nàiseanta na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu.

Feumaidh mi ràdh gun robh e abair urram a bhith an sàs mar neach-taic agus cuideachd mar neach-pàirteachaidh.

‘S e deagh chothrom a bh’ ann cuideachd a bhith a’ bruidhinn ri daoine mun cho-labhairt bliadhnail ACSIB aig Aberystwyth agus Penryn, Falmouth far an d’ rinn mi pàipearan eile air a’ Ghàidhlig agus Twitter.

Tha am postair agam air Latha Twitter na Gàidhlig air Academia.org deiseal an-dràsda a leughadh air loidhne. Dìreach briog air an dealbh a-bhos gus lethbhreac ann am format pdf a luchdadh a-nuas!

Bidh mi an comhnaidh toilichte a chluintinn beachdan sam bith ò neach sam bith mun obair agam.

postair

Faigh bloga air Wordpress.com.

Suas ↑