Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

Mìos

An t-Samhain 2011

Mo-vember san t-Samhain aig Oilthigh Ghlaschu!

Tha mi a’ faicinn moran duine aig Oilthigh Ghlaschu le stais orra! Lorg mi gur e Mo-vember a th’ ann an am mios seo. ‘S e iomairt a th’ ann airson carthannas air feadh an RA.

Tha da dhuine aig ‘Roinn’ na Gaidhlig is Ceiltis a’ gabhail pairt comhla ri oileanaich is luchd-obrach eile. Seo Michel Byrne is Nicola Carty (Soillse) san dealbh seo.

Tha Nicola aig ceann an liosta airson compairtaiche an iomairt. Carson nach eil gabh taic oirre a leantainn a bhi sna priomh aite! Seo ceangal: uk.movember.com/mospace/2158370/

An uiridh rinn Seumas MacPharlan an aon rud agus rinn e torr airgead airson an catharnnas seo cuideachd.

Advertisements

Oidean Ghàidhlig, luchd-taic cànain is misneachd

Tha mi air faicinn fàsmhorachd fhallain ann an oidean (no mar a chuala mi o chionn goirid ‘tutaran’) Ghàidhlig. Mar eisimpleir tha Ùlpan ann an inbhe mhath am-bliadhna. ’S e rud a th’ ann uabhasach math, ach tha an t-eagal orm! Às dèidh dà bhliadhna ag obair aig clasaichean còmhraidh ann an Ghlaschu, ’s urrainn dhomh fianais thoir gu dìth misneachd ann an iomadh dhiubh. Bidh iad a’ feitheamh air fònaig airson obair sam bith. Chan eil mòran dhuibh dealasach a bhith beagan tionnsgainneach. Bho m’ fhèin-fhiosrachadh chan eil air sgàth nach eil iad ag’ iarraidh a bhith nas spreigearra ach air sgàth gu bheil feum aca air mar a tha e comasach a bhith entrepreneur. Mar sin, rinn Meetup Gàidhlig Ghlaschu agus Buidheann Disathairne (Glaschu) iarrtais a-steach do Colmcille a thòisich air pròiseact ùr a thoirt oidean brosnachadh. Tha mi an dòchas gum bi an iarrtais soirbheas!

Air facal eile, leugh mi mu dìth luchd-taic cànain ann an Alba (‘Mind your languages’, Metro; ‘Rabhadh mu ghainnead luchd-taic cànain’, BBC Naidheachd: 14.11.2011). A-rithist, bha an t-eagal orm. Dh’ ionnsaich mi-fhèin Fraingis is Ghearmailt deichead air ais agus tha fios agam gur e mòran duine a th’ ann sa roinn Eòrpa a’ bruidhinn Gàidhlig. ‘S docha ’s e oileanaich no luchd-taic cànain a th’ ann an dùthchannan eile a tha dèonach ag obair ann an Alba leis a’ Gàidhlig? Mar eisimpleir: ann an clasaichean Fraingis tron Gàidhlig, clasaichean Gearmailtis tron Gàidhlig agus fiù’s Gàidhlig a-mhàin – nach robh cùrsaichean ann airson luchd-teagaisg Èireannach a thiginn a-nall?). B’ urrainn dhuinn taic is seirbheisean aig Alliance Française no Goethe Institut cleachdadh agus taic bho Chomhairle Bhreatannaich cuideachd. Bha neach-taic cànain agam nuair a bha mi aig sgoil – Florence. Thoisich i iomlaid-‘penpal’ agus sgrìobh mi do Laëtitia. Dh’fhàs sinn mòr aig a chèile agus mu deich bliadhna air ais chaidh mi air a’ bhanais aice. ’S e caraid a th’ annam fhathast agus bidh mi a’ dol gu a cuirm-bhliadhnail aice ann am Màrt. Tha luchd-taic cànain math airson cùisean dhùthchannan cèin! ’S docha ‘s e sin deagh adhbhar eile a thoirt mòran dhuibh do Alba.

Latha sonraichte!

B’ e latha sonraichte a bh’ ann an-diugh.

Dhuisg mi trath sa mhadainn is chaidh mi gu Dun Eideann comhla ri buidheann beag bho air feadh na h-Alba: bho Dhun De, Peairt, Fiobha, Siorrachd Air agus Glaschu.

Chuala sinn comhradh eadar Ruairaidh MacIlleathain agus Sean Batty, fear an tide aig STV. Chord e rium oir bha e gu math inntineach. An uair sin, thoisich coinneamh choitcheann bhliadhnail. Aig taghaidhean a’ bhuird fhuair mi ainmeachaidh airson a’ tighinn air a’ bhord – air a mholadh le M Bauer le taic bho F. Rennie.

Chuir mi air doigh turas Parlamaid na h-Alba, ach chan urrainn dhomh a dhol. Tha mi ag iarraidh a thoirt taing do Alasdair, John is Veronika airson an cuideachadh. Nuair an robh iad air an rathad gum Pharlamaid air turas ann an Gaidhlig comhla ri Ann a Leodhas, bha mi ag ithe lon agus as deidh chaidh mi dhan chiad coinneamh agam mar bull aig a’ bhuird Chli Gaidhlig. Bha mi toilichte a bhi ann ach bha mi a’ fearachdainn gun robh mi ann an spin beag. Thacairt a h-uile rud gle luath. Bha mi taingeil airson taic bho Anna is na buill eile. Tha feum agam fhathast air cothrom to take it all in!

Aig deireadh an coinneamh, chaidh mi is Anna gu Two Thin Laddies airson cothrom comhraidh comhla ri buidheann beag is moran duine eile. Meal do naidheachd Chris. ‘S math a rinn thu a’ chuir Canan is Ceic air doigh. Bidh cothram comhraidh ann gach seachdain, gach Disathairne, aig 3.30f gu 5f. Bha mi uabhasach impressed! Thoisich an iomairt seo os chionn 6 miosan.

Seo dealbhain agus chuir mi bhideo air mo dhuilleag air Facebook cuideachd – bha Craig a’ seinn na pioban beag. Mar as abhaist, chluich e math.

Moran taing do a h-uile duine a ghabh pairt anns an latha sonraichte seo!






Cruthaich làrach-lìn no bloga an-asgaidh air WordPress.com.

Suas ↑