Tha mi dìreach air ais bhon a’ chiad choinneamh agam aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Cha robh dùil agam a bhith ann fiù ’s, ach chaidh mi ann agus chòrd e rium gu leòr.
Nise, anns a’ chiad dà bhliadhna aig Oilthigh Ghlaschu, bha mi a cleachdadh na leabhraichean a thig às an Comunn seo. Chleachd mi iad airson aistean a sgrìobhadh agus beagan rannsachadh a dhèanamh – agus a bhith gu math onarach, aig an t-àm sin bha mi a’ smaointinn gun robh iad gu math tioram – mar a mhòr-cuid na stuth leughadh, mar ’s gum biodh!
Ach a-nochd, bha mi an sàs ann an oidhche far an robh an aon seòrsa òraid ann agus bha mòran duine ann aig a bheil ùidh ann an dè thuirt Cailean MacIlleathain a thaobh ‘Soitheach nan Daoine’. Bha sinn ag èisteachd agus bha sinn a’ faighneachd ceistean a thaobh an cuspair seo is òraid. Thàinig am pìos sgrìobhadh seo beò! 
Agus bha mi a’ smaointinn gu bheil airson gach aiste no ‘transaction’ anns na leabhraichean aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis, nuair a bha iad leughadh a-mach – bha iad a’ tighinn beò air nan oidhcheannan siud cuideachd. 
Anns na bliadhnachan a’ tighinn, bi oileanaich eile a’ leughadh mu dheidhinn ‘Soitheach nan Daoine’, an oidhche seo, ’s mar sin, thàinig mi dhan cho-dhùnadh nach eil nan aistean cho tioram mu dheireadh thall!
Thàinig e a-steach orm cuideachd gum bi mi-fhèin, mar phàirt an sgioba nas motha, a’ dèanamh an aon seòrsa rud (’s dòcha) a thaobh na pàipeirean a bha leughadh a-mach aig deireadh na seachdain seo ann an Oilthigh Dhùn Èideann aig a’ Cho-Labhairt airson Oileanaich Cheiltich.

Làrach-lìn aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis: http://gsi.org.uk/

Advertisements