Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

neo-eiseimleachd

Railidh #GoForItScotland ann an Caerdydd, Cuimrigh

Abair latha soirbheachail an-dè airson Go For it Scotland aig Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh. Chaidh an tachartas air chraoladh air BBC Wales, ITV Wales agus air Sky News.

Clàradh

http://new.livestream.com/IndependenceLive/walesyes

https://www.youtube.com/watch?v=ioNiktaJ9KQ

Òraid a rinn mi

Muinntir na Cuimrigh, a chàirdean,

Chan eil ach còig làithean gus Reifreinn na h-Alba, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri Diardaoin mar 4.3 million luchd-bhòtaidh eile. ‘S e clàr a th’ ann. Chaidh ceithir fichead sa seachd deug as a’ cheud de luchd-bhòtaidh a chlàradh airson na bhòt an àth-sheachdain. Abair thoradh airson ar deamocrasaidh! Tha e fìor a ràdh gu bheil e glè spreòdaich. Tha e doirbh a chadal. Ach tha obair gu leòr a dhèanamh fhathast. Chan eil uair sam bith son a bhith furmailteach ge-tà.

Anns na còig làithean a tha seachad, às dèidh a’ chiad thoradh YouGov, chunnaic sinn an neart aig Westminster, na Meadhanan agus na margaidean, ann am maoim na h-anmoiche . Ach, chuala sinn na h-aon sgeulachdan mìosan air ais.
Tha mi a’ creidsinn gu bheil sinn daoine glic agus gu bheil sinn a’ feitheamh, feitheamh gus Diardaoin a chur crois air a’ phàipeir bhòtaidh. Agus tha mi a’ creidsinn gum bi ar deamocrasaidh soirbheachail Dihaoine.

Chan fhaca sinn gluasad cho mòr is làidir ann an Alba mar an iomairt ‘Bu Chòir’ againn airson neo-eisimeileachd na h-Alba. Thòisich an iomairt seo còrr is dà bhliadhna air ais le stiùireadh bho ‘Bu Chòir Alba’ ach o chionn bliadhna chunnaic sinn atharrachadh far an deach smachd beag air bheag dhan na buidhnean Bu Chòir ionadail agus mu dheireadh thall mu mhìos no dhà air ais dhan na phoblach gu lèir. Sin am smachd agus an cumhachd nach toil Westminster agus a meadhanan no na margaidean idir. Chan fhaca mi uair ann an eachdraidh na h-Alba nuair a bhios cumhachd mar sinn aig a’ phoblach. Mar sin, chanainn gum bu chòir do dh’ Alba an cumhachd agus smachd a chumail agus gus sin a dhèanamh feumaidh sinn Bu Chòir bhòtadh.

Agus tha sibh fhèin a’ cluich pàirt mòr ann an gluasad seo cuideachd. Tha nàiseanan agus dùthchannan eadar-nàiseanta mar Chuimrigh a’ coimhead oirnn le ùidh. Tha sinn taingeil gu tachartasan mar seo an-diugh agus bha an tachartas mòra ann am Barcelona an seachdain seo feumail. Chanainn siuthadaibh do Chatalòinia; agus chanainn dall oirbh do Bhreatnaich, a’ Chòrn agus nàiseanan eile.

Tha am brìgh agaibh uile cho cudromach. Agus nuair a bhios an àm ceart agaibh fhèin, bidh sinne ann còmhla ruinn a chuideachadh. Tha e soilleir gu bheil sinn ag obair math ann an co-obrachadh mar sgioba eadar-nàiseanta.

Tapadh leibh Go for it Scotland agus tapadh leibh sibhse, muinntir na Cuimrigh.

Cuimrigh, gabh an cothrom, dèan plana airson neo-eisimeileachd na Cuimrigh, bruidhinn ris a h-uile duine sna bàiltean agus cleachd an gluasad sòisealta a tha againn an-dràsta.

Cho fad ’s a tha Westminster ann am breislich, gun plana èifeachdach airson an t-àm ri teachd, tha mi cinnteach gum bi mòran cothroman a tighinn thugaibh.

Gabh an cothrom, a chàirdean. Dall oirbh!

Ie i’r Cuimrigh.

 

Dealbhan a rinn mi

Advertisements

Dùn Èideann: Caismeachd is Railidh airson Neo-eisimeileachd na h-Alba 2012

Fhuair mi liofta a Glaschu bho an t-Eilean Sgìtheanach (tapadh leibh do Mharcas, a mhàthair is Bernadette!). Bha mi ann an Glaschu aig 6f agus choinneach mi neach-obrach aig Cànain airson greiseag mus do dh’fhalbh mi air an trèana.  Chunnaic mi sin:
Sanas-reic airson Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu
Ràinig mi ann an Dùn Èideann oidhche Haoine. Bha mi a’ fuireach aig an ostail seo faisg air Sràid a’ Phrionnsa. Tha ‘Fàilte gu Alba’ sgrìobhte air a’ bhalla! 
Fàilte gu Alba!
An ath latha choisich mi do Na Faichean air slighe na chaismeachd. Cheannaich mi lòn mus do ràinig mi ann.
Tha na Geamaichean air criochadhadh; tha iomairt airson neo-eisimeileachd air toiseachadh
Bha mi nam stiùbhard agus choinnich mi an cèile agam. Bha sinn ann an Sgioba 2. Bha sinn aig toiseach an caiseameachd.
Mi-fhèin agus Morgwn
Chunnaic mi caraidean bho Ghlaschu is Dùn Dè
Seo Friseal!

Seo Màrtainn, a charaid agus mi-fhèin
Dealbhain a’ chaismeachd a’ dol do Garraidhean a’ Phrionnsa:

Dealbhain na rallaidh:

Chuannaic mi seo aig a’ bhuird aig CND na h-Alba

Agus choinnich mi luchd-poileatigs cuideachd!

 Ailig Salmond, BPA 

Coinneach MacAskill, BPA
Linda Fabiani, BPA
 Angus MacDonald, BPA
Derek Mackay, MSP
Dealbhain eile:

 Luchd-taice bho Venice:

Mi-fhèin còmhla ri còmhlan-ciuil Clanadonia:
www.clanadonia.co.uk
‘S fhèarr leam an dealbh sin. Faic seo air Facebook.Thug mi e mu 4f nuair a bha mi a’ bruidhinn anns a’ Ghàidhlig leatha agus dà nighean eile. Bha mi cho toilichte Gàidhlig fhaicinn agus chluintinn aig an rallaidh. Nam bheachdsa, tha Gàidhlig pàirt mòr a chluich ann an Alba neo-eisimeileach. ‘S math a rinn thu, a Chatriona! Dìreach sgoinneil! 

Catriona Young às an t-Òban

Faigh bloga air Wordpress.com.

Suas ↑