Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

Co-labhairt

‘S fhada bhon uairsin! #PDConf, Là Twitter #Gàidhlig, agus Gàidhlig ann an Iapan!

Cha do sgrìobh mi blog an seo airson greis, ach bha mi a’ sgrìobhadh airson blogaichean eile.Sgrìobh mi am pìos seo airson Pàrlamaid na h-Alba mu dheidhinn an tadhail agam gu Sruighlea airson #PDConf, agus thòisich mi obair air blogaichean ùr aig Social Media Alba.

An seachdain sa chaidh, chur mi air bhog Là Twitter – latha sonraichte airson a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig a cruinneachdadh fon taga hais #Gàighlig le dùil agus dòchas bum bi #Gàidhlig a’ treandadh air a’ chiad latha dhen Chèitean. Seo an sgeulachd chun an latha an-diugh air Storify.

Latha Gaidhlig white copy
Agus an-diugh, bha mi toilichte a leughadh gun d’rinn neach-leantainn am blog seo blog aige-fhèin o chionn an Dàmhair 2011! Cha robh fios agam mun dheidhinn roimhe seo – ach taing do Jayne NicLeòid cò sgrìobhadh post air Facebook an-diugh. A rèir Blogger, tha Tacaesi à Tòcèo ann an Iapan agus tha esan na phiòbair agus sgrìobhadair ag ionnsachadh Gàidhlig. Tha e a’ sgrìobhadh air cuispearan Iapanach sa Ghàidhlig. Seo am blog aige: http://gaelic-japan.blogspot.co.uk/ Tha e fìor mhath is fiosraichail!
Chunnaic mi seo air blog eile aige:
Advertisements

Co-labhairt airson Oileanaich Ceilteach


Nuair a bha mi deiseal leis an greis-gnìomhachais agam ann an Inbhir Nis, chaidh mi sìos do Dhùn Èideann feasgar Dihaoine airson co-labhairt an ath latha aig Oilthigh Dùn Èideann.
Bha mi a’ leantainn Iomairt Sgoil Eòlais na h-Albaann an Dùn Èideann agus bha mi airson a chur taic ris an iomairt seo. Chuir mi mo ainm ris an athchuinge nuair a chunnaic mi ceangal air Facebook. Dh’ ionnsaich mi an-dèidh gun cur ‘An Comunn Cheilteach’ a’ Chiad Co-labhairt airson Oileanaich Ceilteach seo air dòigh a chur taic ris an Iomairt Sgoil Eòlais na h-Alba. 
Fhuair mi fiosrachadh mu dheidhinn an co-labhairt mìos air ais agus bha mi airson pàirt a’ gabhail, gun teagamh – a dhol agus a dh’èisteachd ris na pàipearan. Ma tha e freagarrach, tha mi airson pàipear a’ sgrìobhadh airson co-labhairt an ath-bhliadhna, ’s docha mu dheidhinn cleachdadh nam Meadhanan Sòisealta ann an Gàidhlig no air fèin-leasachadh airson coimhearsnachdan Gàidhlig, no cò aig a tha fios! Bha mi nam bheachd gum bhiodh e math dìreach a bhi bhith am bliadhna.
Ràinig mi ann an Dùn Èideann mu còig uairean agus thug mi tacsi gu flat aig Stiùbhairt, far an robh mi a’ fuireach airson dà oidhche. Feumaidh mi ràdh gu bheil mi glè thaingeil dhà airson a’ toirt àite dhomh fo a chabar.

Chaidh sinn a-mach na h-oidhche siud, agus às dèidh dìnnear anns ‘The Library’, choinnich sinn muinntir bho Èirinn, a’ Chuimrigh, an t-Eilean Mhanainn, Alba (gu dearbh) agus fiù ’s an Òlaind ann an Captain’s Bar air Sràid Colaiste a Deas! ‘S e icebreaker a bh’ ann mus toisich an co-labhairt, agus fhaigh mi e glè feumail is spors. ‘S e deagh bheachd a bh’ ann gun teagamh!

Fàilte!

n ath latha, dhùisg mi tràth agus chaidh mi air a’ bhus don Oilthigh Dùn Èideann còmhla ri Stiùbhairt chun a’ cho-labhairt. Bha e math aodainnean ùra is seann dh’fhaicinn – bha a math a bhith a’ bruidhinn ri Wilson McLeod airson a’ chiad àm! Bha 40 oileanaich ann agus luchd-obrach. Thoisich an co-labhairt rud beag anmoch air sgàth gun deach an dealan dheth air feadh an sgìre EH1! Dh’ èisteachd sinn ri triùir nach robh feum airson taisbeanadh-dealain dhèanamh agus an dèidh srùbag, chaidh sinn gu togalach ùr far am fuirich sinn airson an latha.

Bha an latha trang le daoine is gnothach

Chaidh dusan pàipearan air leughadh a-mach tron an latha air mòran cuspairean. Seo eisimpleirean:
  1. ‘Awdl delynegol at beroriaeth’: A musical interpretation of T. Gwynn Jones’ Tir na N-Óg. Le Elen Ifan – Bangor University.
  2. ‘The Life and Legacy of Henry Morris’. Le Conal Mac Seáin – University of Ulster.
  3. ‘Gwyn ap Nudd and Finn mac Umaill: Divergent Development of Two Related Characters’. Le Angelika H. Rüdiger – Bangor University.
  4. ‘Welsh language maintenance beyond the classroom: self-sufficiency for the next generation’. Le Abigail Ruth Price – Bangor University.
  5. ‘Writing at the Crossroads: Interactions between Scottish Gaelic and Scandinavian and Icelandic Literature’. Le Duncan Sneddon – University of Oxford.
Bha iad uile gu math inntinneach agus thug e misneach dhomh gum bi e comasach mi-fhèin tracas dhèanamh san t-àm ri teachd agus bheil fios agam a-nis gu bheil lìonra ann airson taic is beagan brosnachadh!
Chuala sinn òraid bho Iain Mac Aonghais a bha ann mar aoigh. Dh’ innse e dhuinn sgeulachdan Gàidhlig gu leòr bho Tobar an Dualchais, am pròiseact rannsachaidh a dh’obrachadh e air airson bliadhnaichean.
Dr. Iain Mac Aonghais

Às dèidh an co-labhairt, chaidh mi do Summerhall don tachartas aig Irish Pages airson greiseag còmhla ri Chrìos, Paulus is Erin; Iain Mac Aonghais is Wendy. Nuair a bha sinn ann, bhruidhinn mi ris a’ bhàrd, Aonghas MacNeacail – ’s toil leis an geansaidh ‘Gàidhlig’ agam a cheannaich mi bho Sabhal Mòr Ostaig! Fhuair sinn lethbhreac an-asgaidh dhen Irish Pages cuideachd!
Dh’ ith sinn dìnnear ri chèile ann an Summerhall an dèidh beagan ceòl mòr aig na pìoban. Ghabh sinn Irish Stew le pinnt Guinness air sgàth gu bheil Là Naomh Pàdraig an ath latha agus bha e cuspaireil cuideachd! Bha cothrom gu leòr a bhruidhinn ri cheile, agus an uair sin chaidh sinn a-mach dhan thogladh Teviot airson deochan mu dheireadh mus dh’fhalbh a h-uile duine.
Chòrd an deireadh na seachdain rium agus h-uile duine eile gu leòr.
Thachairt coinneamh bhliadhnail aig Association of Celtic Students of Britain and Ireland air an aon latha cuideachd. Bha deasbad ann a thaobh na bonn-stèidh ùra, agus bha bòrd ùr a chur air dòigh. Chaidh mi-fhèin a-steach mar bull àbhaistich, agus bidh mi a’ riochdairadh OGE agus a’ toirt cuideachadh is comhairle don sgioba ùr a chur air dòigh an ath cho-labhairt ann an Aberystwyth anns a’ Chuimrigh. Tha mi a’ coimhead air adhart a bhith ag obair leis an sgioba seo agus a’ leantainn an obair math a rinn An Comunn Cheilteach airson am bliadhna.

Co-labhairt: "Ath bheothachadh Choimhearsnachd tro Chultair"

Talla Stafainn – 

Diardaoin, 15mh an t-Samhain 2012 – 9.30m to 4.00f


Bha mi ann an Stafainn airson co-labhairt air cultar mar so-mhaoin na Coimhearsnachd (ath-bheòthachadh Coimhearsnachd tro Chultar) far an robh mòran dhaoine a’ bruidhinn air cuspairean inntinneach, deasbad agus còmhradh timcheall a’ bhùird. Bha mi a’ riochdachadh na 2200+ luchd-leantainn aig Scottish.Gaelic – an duilleag Facebook agam. Bu thoil leam mòran taing a ràdh ri Janni, Oifigear na Gàidhlig, airson lioft ann. Seo an cunntas as ùir agam air a‟ cho-labhairt ann an Stafainn a sgrìobh mi air an duilleig agam (www.facebook.com/Scottish.Gaelic):
“’S e rathad gu math fada a bh’ ann gu Stafainn bho Armadal ach às dèidh Port Rìgh tha an rathad glè bhrèagha gu h-àraidh ann an sgìre Thròndairnis.
Dh’ionnsaich mi air cnapan-starra ann an sgìrean is coimhearsnachdan ionadail ann an Alba a thaobh cultair, cànain is dualchais; agus bhruidhinn sinn mu dheidhinn chothroman turasach is eaconamach aig a’ choinneimh. Tha mi cinnteach gum bi an tachartas seo glè fheumail dhomh san àm ri teachd. Rinn mi deagh cheangalan cuideachd agus chuala mi taisbeanaidhean inntinneach.
Thug an tachartas seo brosnachadh dhomh oir rinn sinn e tron Ghàidhlig le eadar-theangachadh mar aon ann am Beurla. Cha do dh‟fhaighnich duine sam bith mus do thòisich a’ choinneamh airson cead airson Gàidhlig a chleachdadh. Bha dìreach taghadh ann Gàidhlig no Beurla a chleachdadh agus dh’obraich sin glè mhath. Bhruidhinn a h-uile duine aig a bheil Gàidhlig sa Ghàidhlig le tòrr misneachd agus bha mi glè thoilichte sin fhaicinn. Tha mi a’ smaointinn gur e a’ chiad uair a thachair sin a rèir nam beachdan aig na daoine eile an sin. Bha mi toilichte gun d’ fhuair mi an cothrom seo a bhi an sàs anns an fhòram seo”.
(Chaidh sin air fhoillseachadh ann an Sgrìobag, cuairt litir inntearnail aig Sabhal Mòr Ostaig o chionn goirid air 23.11.2012.)

Co-labhairt airson Coimhearsnachdan aig Pàrlamaid na h-Alba

Image © Scottish Parliamentary Corporate Body – 2012.
Licensed under the Open Scottish Parliament Licence v1.0. 

Aithris dhen latha

Luchd-leantainn ùr is teachdaireachd a’ gabhail taing dhomh!

Bha mi moiteil a ghabh pàirt anns na ceathramh Co-Labhairt airson Coimhearsnachdan aig Pàrlamaid na h-Alba “Understanding Your Parliament” ann an Dùn Èideann an-diugh. Bha mi ann mar neach-eòlais ann am Meadhanan Sòisealta agus bha mi a bhruidhinn mu dheidhinn mar a chleachd mi Twitter is Facebook a choitich ris na Buill Phàrlamaid na h-Alba agus airson iomairtean. Bha beagan sgàth orm aig tòiseach an latha ach shocraich mi fhèin mus do thoisich a’ chiad bùth-obrach às dèidh bruidhinn ri Elizabeth, Emma is Sean. Rinn mi dà bhùth-obrach fad an latha. ‘S e a’ chiad uair a bh’ ann gun d’ rinn mi pannail mar seo aig ìre àrd mar seo agus tha mi toilichte a ràdh gun deach e uabhasach math! Aig lòn bha mi a’ bruidhinn ri Murray (faic an dealbh) agus bha mòran dragh air mus tàinig e chun na co-labhairt mu dheidhinn cleachdadh nam meadhanan sòisealta. Aon latha às dèidh, bha e a’ sgrìobhadh drannd (no Tweet) dhomh!

Measadh de 13.11.2012

Image © Scottish Parliamentary Corporate Body – 2012
Licensed under the Open Scottish Parliament Licence v1.0 

A rèir measadh na co-labhairt thàinig 187 riochdairean bho buidhinn choimhearsnachd am measg an t-sluaigh is beag chun na co-labhairt. Bha latha glè fheumail airson na riochdairean agus bha ùidh aig a h-uile duine ann a fhaighinn a-mach mar a tha am pàrlamaid ag obair agus mar a tha e comasach a bhi an sàs ann an obair aig a’ Phàrlamaid agus na BPA aca. Chòrd na bùithtean-obrach ris na riochdairean cuideachd. Seo earrann bhon measadh (sa Bheurla):

Issues / Themes Raised During Workshops

Scottish Parliament Twitter account has 9000 followers and tweets between 5-8 times per day.
Content ranges from business, events, questions, calls for evidence

Image © Scottish Parliamentary Corporate Body – 2012.
Licensed under the Open Scottish Parliament Licence v1.0 

.
Nearly all MSPs have a website, approx. 94% use twitter and facebook. It enables them to engage with the community. They tend to use Twitter more informally and Facebook for reporting more community based activities.

Many MSPs will “retweet” and this can be used by charities to reach more followers.

Twitter.com/ScotParl
Twitter.com/SP_LocalGovt
Twitter.com/parlalba
Twitter.com/Jamie_Wallace
Tweetfeed can be used to manage blogs, Facebook and twitter
Tweetreach can be used to monitor activity in response to your tweet
www.google.com/alerts using keywords reports can be generated and emailed to you.

Cruthaich làrach-lìn no bloga an-asgaidh air WordPress.com.

Suas ↑