Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

Mìos

An t-Samhain 2013

Là Dubh Ghlaschu ’s na h-Alba – Tubaist-heileacoptair ann an Glaschu aig an Taigh-Osda #Clutha

IMG_0084

Prìomh Mhinisteir: “‘S e latha dubh a th’ ann airson Glaschu agus Alba.”

la-dubh copy

Bha tubaist-heileacoptair ann an Glaschu aig an Taigh-Osda ‘Clutha’ a-raoir.

Chan fhaca mi a leithid. Tha mo ghuth is mo ghuidhe leis a h-uile duine an sàs.

Advertisements

Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2013 #GaelicAwards

Helen 's mi-fhìn
Helen ’s mi-fhìn

Tha na Duaisean Gàidhlig a chaidh seachad agus bha mi-fhèin is mo charaid toilichte a bhith ann. A rèir na faclan a thuirt Torcuil Crichton aig a’ Daily Record, bidh Gàidhlig a’ beòthail tron a’ 21mh linn, gun teagamh. An ath bhliadhna, tha mi an dòchas gum bi sponsaireachd a’ tighinn a-steach bho chompanaidean prìobhaideach eile agus cuideach barrachd molaidhean.Thàinig 178 ainmeachaidhean/molaidhean a-steach am bliadhna – agus ’s e rud air leth a tha seo – ach cha d’ rinn ach 30 molaidhean chun na liosta mu dheireadh. Rinn mise trì molaidhean, sgrìobhte mi iad sa ghàidhlig cuideachd, ach cha do shanas iad – ach ann an doigh ’s e deagh rud a tha seo air sgàth gur e fianais a th’ ann cuideachd gu bheil mòran duine / proiseactean ann ag obair trang leis agus anns a’ Gàidhlig agus a’ brosnachadh a’ chànan [co-dhiù 148] – a thuilleadh air na figuran bhon a’ chunntas sluaigh a tha air clàradh gu bheil na aireamhean airson Gàidhlig air an fharsaingerachd a’ dol suas.

‘S math a rinn a h-uile duine a bhuannaich duaisean agus don a h-uile duine eile agus cuideachd do Ariel Killik airson deagh fhìlte aig tòiseach an oidhche, Carina NicLeòid a bha gu math eibhinn a’ dèanamh rud beag comadaidh agus do Alasdair Mac Ille Bhàin is Cairaidean airson ciùil aig deireadh na h-oidhche.

Luchd-buannachaidh na h-oidhche:

– Sàr Dhuais na Gàidhlig: Beathag Mhoireasdan
– An Duais Spòrs: Colm O’Rua
– An Duais airson Iomairt san Àite-obrach: Fiona Dunn
– Tosgaire Òg na Bliadhna: Alasdair Mac a’ Phì
– An Duais Ealain is Chultarach: Na Caimbeulaich
– An Duais Choimhearsnachd, Dualchais is Turasachd: Shawbost Community in association Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais
– An Duais Eadar-nàiseanta: Mìchael Klevenhaus
– Duais: Innleachdas ann am Foghlam Gàidhlig: Clas 4/5 – Bun Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
– Duais Luchd-ionnsachaidh: Gàidhlig Dumgal
– An Duais airson Tachartas: Na Mo Chuid Aodaich

Tha Smeur aig an t-Subway ach tha eisir a dhìth! #gaidhlig #glasgowsubway

Seo ceangal gu blog aig Alasdair MacCaluim a thaobh Subway agus cairtean thapaidh. Dh’fhaighnich e nach bu chòir do SPT a bhith ag obair còmhla ri ScotRail is Riaghaltas na h-Alba a tha ag obair air cairt thapaidh airson seirbheisean-rèile aig an aon àm. Feumaidh mi ràdh gu bheil mi daonnan ag ràdh an aon rud sna bliadhnaichean a dh’aom!

Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Tha cairt thapaidh (smart card) ri fhaighinn airson Subway Ghlaschu mu dheireadh thall.

 ‘S e ceum air adhart a th’ ann gun teagamh ach a bheil e cho math sa tha propaganda SPT a’ cumail a-mach?

Trèana Subway, Glaschu

 Dè tha math mu dheidhinn?

  •  Leis a’ chairt ùr, am Bramble, faodaidh tu suas ri £50 a chur air a’ chairt aig an aon àm agus faodar ‘tiocaidean seusain’ a chur oirre cuideachd. Mar sin, bidh cùisean nas luaithe oir cha bhi agad ri briseadh (change) a lorg dhan inneil no feitheimh ann an ciutha.
  •  Cleachdaidh an Subway nas lugha de thiocaidean pàipear agus mar sin, bidh nas lugha de chaitheimh carboin is nas lugha de sgudal air na sràidean.
  • A bharrachd air seo, nì am bramble cinnteach gum faigh thu am faradh as saoire a tha a’ dol air an latha sin: 1 turas – singilte, 2 thuras –…

View original post 219 facal eile

Faigh bloga air Wordpress.com.

Suas ↑