Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

bardachd

Iain, Ratbag, a Bhrònain!

Iain, Ratbag, a Bhrònain!
Sìos ann an Lunnainn
A’ lìbhrigeadh pian
Air feadh an dùthaich.
Chan eil cus agad idir.
Iain, a bhrònain!
Ann an Sruighlea an-diugh
Choisinn thu mì-chliù
’S tusa ratbag, Ratbag Iain
Donnchadh MacIlleathain
Iain, a bhrònain!
Mura cluinn tu sin,
Cha chluinn tu a’ chuthag.
Rinn thusa am poileasaidh
Gun moralta, gun cuinnseas
Iain, a bhrònain!
“An rud as fheudar,
As fheudar e”.
Uill chan fheudar, tha thu ceàrr.
Agus faic tu sin, chì sinn.
Iain, a bhrònain!
Advertisements

Brochan ’s Lite ’s Mi!

Brochan no Lite

Nuair a bha mi aig bracaist, bha sinn a’ bruidhinn air mar cha toil leam brochan le salainn. Thuirt caraid gur e rud Sassanaich a bh’ ann! ‘S fhèarr leam am brochan agam gu math milis no gu naddurach. Am feasgar seo, bha mi a’ leughadh an leabhar ùr agam le bàrdachd a thug mi airson mo cho-là breith seachdain air ais: “These Islands We Sing”, deas. le Caomhainn MacNèil; agus leugh mi an dàn seo le Anna Frater (d.210):

Lit’ Gun Shalainn

Sgian dubh ’na stocainn

agus Beurla na bheul
moladh lit’ sa mhadainn
’s e cur muesli na bhòbhl;
‘Chan fhaighear nas fhèarr na ’n t-uisge-beatha.’
Ach ’s e Martini bhios e ‘g òl…
nach ann truagh a tha’n cluaran
le boladh an ròis!

Cha do mholadh mi am brochan an seo no uisge-beatha – ’s fhèarr leam leann! Dearbhadh fhèin gu bheil mi nam Albannaich!

#Latha-Nàiseanta-na-Bàrdachd

#Latha-Nàiseanta-na-Bàrdachd
04.10.2012


Seo latha, a tha math, 
Le bàrdachd gu leòr 
Air cuspair sam bith. 

Nach sgrìobh tusa dàn, 
No dèan thu òran? 
Feuch e ’s gabh spors! 

Rach ma-ta!

Deagh oidhche aig CCA a-raoir!

Bha mi sgith ach dh’innse dhomh a dhol chun a’ cheilidh sa CCA. S e oidhche a bh’ ann a bha cuir air doigh le Evin is Conradh na Gaeilge Ghlaschu. Agus rinn e obair math!

Bha ceol is bardachd ann. Bha am bardachd air leughadh a-mach mar dain is orain ann an Gaidhlig, Gaeilge is Beurla. Bu thoil leam leughadh bho Alison mun chat agus dan a bha leughadh a-mach comla ro ceol chlarsach.

Chunnaic mi gun robh moran misneachd leis na sgriobhadairean Eireinnach a bhruidhinn fad an tide gun cleachdadh Beurla. Bha eadar-theangaiche ann ach bha e torr nas nadaire. Tha mi an dochas gum bi e mar sin airson Gaidhlig na h- Alba. Ann an Glaschu at least! Nam bheachdsa ’s e rud nas fhearr son luchd-ionnsachaidh an seo mar mi-fhein. Tha moran misneachd son Gaidhlig ann an Glaschu agus son a’ chanan chleachdadh.

Bha deagh oidhche dhomhsa gu h-araidh airson comais (comparison) dheanamh eadar na da chanan.




Oidhche Ardaoin

Oidhche Ardaoin
A bheil thu ag iarraidh deoch?
Deoch no dhà a-mhain.
Carson nach eil?
Ach, nach eil Freeview + agad?
Tha iPlayer is 4OD ann cuideachd.
Dìreach aon deoch –
‘s  a bhruidhinn beagan Gàidhlig.
Aig Taigh Osda Earra Gàidheal.
Seadh, tha cèilidh ann.
Uill fuirich!
Tha mi air falbh.

An urrainn dhut gam cuideachadh?

An urrainn dhut gam cuideachadh?
Tha mi ro thrang –
Tha mi ‘g obair.
Tha mi duilich!
Nis – mach a-seo!
O mo chreach!
Dè?
Chan eil mi gad chreidsinn –
Chan eil mi ach aon duine!
Dè? Murt!
Chan eil thu gam thuigsinn idir.
Tha feum agam air tìde –  
Air àm airson R&R.
Tha feum agam air telebhisean –
Air irisean mun celebrities!
Tha feum agam air deoch aig an taigh –
Botal fìon no tri gach seachdain.
Chan eil m’obair furasta –
’S e obair stressful a th’ ann.
Bheil thu gam thuigsinn a-nis?
Och! Dè eile?
Eist: I have no time for Gaelic!
Idir!
Nis, Mach a seo!
Thalla!
SU 10.06.2012, Glaschu

Rathad Buan

Chan eil moran tide san t-saoghal,
Co-dhiu, ’s e sin mar seo.
Rinn mi siud is ni mi sin
Ach cait an tèid mi?
Air slighe mo bheatha,
Ni mi sin is rinn mi siud.
Chan eil dad cinnteach.
Ach carson a tha e mar seo?

Oidhche mhath a bha a-raoir aig Ceol is Craic

Rainig mi beagan fadalach aig cothrom comhraidh agus dh’ionnsaich mi as deidh gun robh fion an-asgaidh aig an toiseach an oidhche… Cha d’fhuir mi glainne!

Och uill, co-dhiu gheibh mi pairt ann an cearcal comhraidh fo stiuriche de Sine aig CnaG. Bha sinn a’ bruidhinn mu dheidheinn biadh. Bha clar-bidh sonraichte ann airson Ceol is Craic ach b’ e ro fhancaidh air mi shon – dh’ ith mi Indian air Rathad an Byre le Gordon ro an seisean.

An uair sin, chunnaic mi fiolm aig Timothy Neil(?) Agus bha ro-radh ann le Timothy co a tha ga dheanamh. B’ e Hallaig t’ ainm a bh’ air le fiolm mu dheidheinn Somhairle Mac Ghill Eathain.

As deidh am fiolm, shuide sinn sios airson bardachd is ceol agus beagan Standup le Carina NicLeoid. Bha orain snog aig Mairi Sine Chaimbeul agus ceol math aig Suzanne, Daibhaidh is Pearlfishers agus na BMX Bandits.

Fhuir mi dachaigh aig uair sa mhadainn. B’  deagh oidhche a bh’ ann gu dearbh!








Cruthaich làrach-lìn no bloga an-asgaidh air WordPress.com.

Suas ↑