Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

sabhal mor ostaig

Air ais ann an Lios MoChuda

2013-04-20 13.40.44

Às dèidh bliadhna sgoilearach aig Sabhal Mòr Ostaig tha mi air ais aig taigh mo phàrantan airson dreis. Rinn mi mo dhìcheall mo chuid Gàidhlig a mhathachadh agus dh’fhàg mi le càirdean agus féin-fhiosrachaidhean ùra. Dh’ionnsaich mi tòrr mu dheidhinn bheatha nan Gàidheal òga agus cuideachadh gu bheil àm gu leòr airson beagan spors bho àm gu àm!

Chòrd e rium a’ dol do Café Ostaig a bhruidhinn gu nadurrach sa Gàidhlig, na clasaichean drama agus dealbh-cluiche, na ceilidhean fèin-thoileil agus cùrsa reidio a rinn mi.

Tha mòran mòran cothroman an sin an cànan a chleachdadh gu nadurrach agus gu proifeiseanta. Tha an colaiste seo a’ deanamh obair fìor mhath. Bha mi moiteil a bhith an sàs ann an tòiseachadh na sgioba ball-coise, CONEA agus an t-iomairt Oileanaich le Chèile .

Taobh a-muigh am foghlam, feumaidh mi ràdh gur ann na h-oidhche a bhruidhinn mi aig coinneamh Yes Skye airson Alba neo-eisimeileach a bha an soillsich agam.

Advertisements

Sàr Sgilean Rèidio – Latha a h-aon

Tha mi a’ gabhail pàirt ann an cùrsa goirid aig Fàs, Sabhal Mòr Ostaig an deireadh sheachdain seo a dh’ ionnsachadh sgìlean rèidio. Bha an-diugh a’ chiad latha, agus chòrd e rium gu leòr.

Bha dusanar eile an seo còmhla rium. Thoisich an latha le fàilte is furan bhon stìuìreadh na cùrsaichean goirid agus an dèidh chaidh sinn sios gu Studio Fàs. An sin, rinn sinn eacarsaichean drama mar blàthaich le cleasaiche-còmhnaidh a’ cholaiste. Às dèidh, choinnich sinn cleasaiche agus thug e Top Tips dhuinn air cleachdadh ar guth air an rèidio. Leantainn blasad goirid na buithtean-obrach a bhith sinn a’ dèanamh a-maireach: a’ dèanamh agallamhan, deasaiche agus a’ sgrìobhadh plotaichean airson drama. An uair sin, gabh sinn lòn. Às dèidh lòn, rinn sinn beagan comadaidh le neach-stiùireadh aig Comedy Unit.

 
Rinn sinn mòran an-diugh, tòrr ann an aon latha ’s mar sin tha mi gu math sgìth! Tha mi a’ dèanamh fiughair ri a-maireach agus na weekends eile san t-àm ri teachd…

Co-labhairt: "Ath bheothachadh Choimhearsnachd tro Chultair"

Talla Stafainn – 

Diardaoin, 15mh an t-Samhain 2012 – 9.30m to 4.00f


Bha mi ann an Stafainn airson co-labhairt air cultar mar so-mhaoin na Coimhearsnachd (ath-bheòthachadh Coimhearsnachd tro Chultar) far an robh mòran dhaoine a’ bruidhinn air cuspairean inntinneach, deasbad agus còmhradh timcheall a’ bhùird. Bha mi a’ riochdachadh na 2200+ luchd-leantainn aig Scottish.Gaelic – an duilleag Facebook agam. Bu thoil leam mòran taing a ràdh ri Janni, Oifigear na Gàidhlig, airson lioft ann. Seo an cunntas as ùir agam air a‟ cho-labhairt ann an Stafainn a sgrìobh mi air an duilleig agam (www.facebook.com/Scottish.Gaelic):
“’S e rathad gu math fada a bh’ ann gu Stafainn bho Armadal ach às dèidh Port Rìgh tha an rathad glè bhrèagha gu h-àraidh ann an sgìre Thròndairnis.
Dh’ionnsaich mi air cnapan-starra ann an sgìrean is coimhearsnachdan ionadail ann an Alba a thaobh cultair, cànain is dualchais; agus bhruidhinn sinn mu dheidhinn chothroman turasach is eaconamach aig a’ choinneimh. Tha mi cinnteach gum bi an tachartas seo glè fheumail dhomh san àm ri teachd. Rinn mi deagh cheangalan cuideachd agus chuala mi taisbeanaidhean inntinneach.
Thug an tachartas seo brosnachadh dhomh oir rinn sinn e tron Ghàidhlig le eadar-theangachadh mar aon ann am Beurla. Cha do dh‟fhaighnich duine sam bith mus do thòisich a’ choinneamh airson cead airson Gàidhlig a chleachdadh. Bha dìreach taghadh ann Gàidhlig no Beurla a chleachdadh agus dh’obraich sin glè mhath. Bhruidhinn a h-uile duine aig a bheil Gàidhlig sa Ghàidhlig le tòrr misneachd agus bha mi glè thoilichte sin fhaicinn. Tha mi a’ smaointinn gur e a’ chiad uair a thachair sin a rèir nam beachdan aig na daoine eile an sin. Bha mi toilichte gun d’ fhuair mi an cothrom seo a bhi an sàs anns an fhòram seo”.
(Chaidh sin air fhoillseachadh ann an Sgrìobag, cuairt litir inntearnail aig Sabhal Mòr Ostaig o chionn goirid air 23.11.2012.)

Cruthaich làrach-lìn no bloga an-asgaidh air WordPress.com.

Suas ↑