Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

Mo Bheatha

Dèante: Subcrawl a’ Chomuinn Oiseanaich!

Rinn mi Subcrawl a’ Chomuinn Oiseanaich airson a’ chiadh thuras an-dè – mu dheireadh thall – agus feumaidh mi ràdh gur b’ e abair latha ’s oidhche a bh’ ann.Subway

Thòisich sinn aig 3f anns a’ QMU Oilthigh Ghlaschu far an do chruinneachadh sinn. Bha muinntir ann bho oilthighean eile cuideachd – bho Oilthigh Srath Chluiadh, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Sriughlea agus Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Bha e math ri fhaicinn a h-uile duine a’ tighinn ri chèile. ‘S e dìreach rud math a th’ ann nuair a tha cothroman mar sin a bhith a’ cleachdadh mo sgilean Gàidhlig ann an dòigh gu nadurrach – dìreach mar a bha e an-dè.

Airson a’ chiad stad, chaidh sinn air an Subway gu Talla na Kelvin far an deach sinn chun a’ Lios Mòr airson deoch. Chunnaic mi sanas anns an taigh-beag. Às dèidh deoch no dhà an sin, chaidh sinn air ais chun a’ Subway a dhol do Phartaig agus chaidh sinn a-staigh taigh-seinnse ‘Deoch an Dorus’. Tha cuimhne agam gun do ghabh mi leth phinnt de Leffe an sin.

Tweet le dealbh bho @Oiseanach: https://twitter.com/oiseanach/status/386518844694884352

Lios Mòr    Bha e math ri fhaicinn na h-oileanaich bho an Comunn Cheilteach / Comunn Oileanaich Cheiltis a-rithist, gu h-araidh air sgàth gu bheil mi ag obair le fear no dhà dhaibh a chur tachartas air dòigh aig a’ Mhòd an ath sheachdain. ‘S e ’drinking buddy’ math a th’ ann an Allan!

Chaidh sinn gu Baile a’ Ghobhainn agus gu taigh-osda ‘Coopers’ agus an uair sin gu Sràid Dhrochaid far an do dh’ ithe mi agus bha mi a’ bruidhinn ri cuideigin bho Ghrangemouth mu dheidhinn poiliteags agus gu bheil e airson bruidhinn ri cuideigin ach bha a h-uile duine a’ bruidhinn sa Ghàidhlig is cha robh e comasach! Tha cuimhne agam gun robh fear aosda ann à Bharraigh agus gun d’ thuirt e gun robh e a’ fuireach ann an Glaschu airson 24 bliadhnaichean. Bha Gàidhlig gu leòr aige agus bha e soilleir gun robh e toilichte a bhith bruidhinn sa theanga seo.

Às dèidh greis, chaidh sinn air ais air an Subway agus ràinig sinn St Enoch’s agus chaidh sinn gu Times Square. Chòisich sinn suas gu Waxy o’ Connor’s ach cha robh cead again bho na bounsairean a’ dol a-staigh ’s mar sin chaidh sin gu taigh-òsda na Pairce agus an uair sin gu O’ Neills ann an Sràid Sauchiehall.

 

Bha mi glè thoilichte càirdean bhon an uiridh aig SMO faicinn ann an O’ Neills – gu h-àraidh Eilidh Ceilidh. Cha do chreids mi e nuair am faca mi i ann!

2013-10-05 23.48.57

Agus bha mi a bruidhinn ri Cat – a’ rithist, bha sin math cuideachd air sgàth nach robh sinn riamh bruidhinn taobh a-muigh Facebook ro na h-oidhche sin!

Cha d’ fhuair mi dhachaigh gus còig uair sa mhadainn ach fhuair mi cadal math agus mar a thuirt mi ron a sheo, ’s e abair oidhche a bh’ ann!

Tha Gàidhlig beò ann an Glaschu gun teagamh!

Advertisements

Seachdain sa chaidh

Bha seachdain gle thrang!

Rinn mi coinneamh comhla ri mo dhotair trath madainn Diluain agud fhuair mi prescriptions airson mo phalsy. As deidh sin, rinn mi lethbhreacain mo thaisbeanadh aig an taigh airson coinneamh bhliadnail aig Meetup Gaidhlig Ghlaschu aig 2f san Leanag. Tha mi toilichte ag radh gun robh coinneamh math agus tha sgioba stiuireadh ur is deonach againn.

Chaidh mi dhan Ionad Spors ann an Pollag airson coinneamh comhla ri neach-spors aig Glasgow Club. Tha plana exercise agam fhathast airson 6 miosan. An uair sin, chaidh mi dhan coinneamh san Leanag a bhruidhinn mu dheidheinn SMWGlaschu (Social Media Week Glasgow – 19-23 September) comhla ri Iomairt Gaidhlig Ghlaschu is riochadairean aig MG Alba. Bha coinneamh math le deagh smaoinan.

Cha cuimhne agam an-drasta de a thacairt Diciadain, ach Diardaoin bha mi aig mo ‘weigh-in’ agus tha am phase A agam gu crioch. Toidichidh mi air an darna phase an ath mhios.

Bha mi ag obair Dihaoine air duilleagan is  larach-lin aig Glasgow’s GaelicMeetup.

Chuir mi air doigh mo luggage Disathairne is Diadomhnaich airson siubhal gu Steornabhagh Diluain. Rinn mi beagan obair-taigh cuideachd!

Cruthaich làrach-lìn no bloga an-asgaidh air WordPress.com.

Suas ↑