Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

Glasgow Southside

Margaid eile an-diugh ann am Pollagshaws #gàidhlig #margaid #margadh #Glaschu

Chaidh mi dhan margaid eile an-diugh faisg air Morrisons ann an Rathad Newlandsfield ann an togladh ùr aig Comman Ballcoise Phollag.

Bha am margadh seo a chuir air dòigh le “Smack Ma Pitch Up” (Cuir Mo Phiots Air).


Seo neach-obrach aig Smack Ma Pitch Up a’ cluich le ropa agus ball. Bha carthannas ann cuideachd aig an doras.

Chaidh mi a-steach agus bhruidhinn mi dithis – bha iad na luchd-ealain. Bha fear ann cuideachd bho an-dè (Chris Masson às an Gearasdan). ‘S e tidsear a th’ ann an tè eile, Linda Gillon, agus bha i ag innse dhomh nuair a bha i naoi bliadhna dh’aois, bhuannaich i co-fharpais ealain thar na sgoiltean ann an Glaschu gus tachartas sònraichte a chuimhneachadh (Glasgow 900).

A’ chiad cothrom-reic aig Linda Gillon:


Chris Masson Creates: 
Tùs: https://www.facebook.com/chrismassoncreates/posts/502759043220391:0

Tha e math, chan eil, tha e air leth, gu bheil mòran margaidean pop-up mar sin a’ tachairt gu tric. Comharradh ’s dòcha gu bheil misneach a’ fàs ann an sgìrean far nach robh cus cothroman a dhèanamh sion sam bith.

Advertisements

‘Park Run’ Ghlaschu

Dh’èisg mi tràth sa mhadainn oir bha mi a’dol a ruith ann am Pairc Pholloc son a’ chiad àm le ‘park run’.

Cha robh e glè fhurasta airson mo chiad àm! Tha ruith na dicheallache mar air mo bhaihsagal – uill, tha mi a’ chreidinn sin!

Ruith mi 2950m ann an 22 mionaidean. Cha do rinn mi an darna chuairt aig an àm seo. ‘S dòcha nì mi sin an ath turas…

Tha fiosrachadh mu dheidheinn ‘Pollok Park Run’ seo: http://www.parkrun.org.uk. ‘S e tachartas proifeiseanta agus saor an asgaidh agus tachairt e gach Disathairme aig 9.30m. Tha feum agaibh air clàradh air loidhne dhèanamh.

Faigh bloga air Wordpress.com.

Suas ↑