Tha mi air faicinn fàsmhorachd fhallain ann an oidean (no mar a chuala mi o chionn goirid ‘tutaran’) Ghàidhlig. Mar eisimpleir tha Ùlpan ann an inbhe mhath am-bliadhna. ’S e rud a th’ ann uabhasach math, ach tha an t-eagal orm! Às dèidh dà bhliadhna ag obair aig clasaichean còmhraidh ann an Ghlaschu, ’s urrainn dhomh fianais thoir gu dìth misneachd ann an iomadh dhiubh. Bidh iad a’ feitheamh air fònaig airson obair sam bith. Chan eil mòran dhuibh dealasach a bhith beagan tionnsgainneach. Bho m’ fhèin-fhiosrachadh chan eil air sgàth nach eil iad ag’ iarraidh a bhith nas spreigearra ach air sgàth gu bheil feum aca air mar a tha e comasach a bhith entrepreneur. Mar sin, rinn Meetup Gàidhlig Ghlaschu agus Buidheann Disathairne (Glaschu) iarrtais a-steach do Colmcille a thòisich air pròiseact ùr a thoirt oidean brosnachadh. Tha mi an dòchas gum bi an iarrtais soirbheas!

Air facal eile, leugh mi mu dìth luchd-taic cànain ann an Alba (‘Mind your languages’, Metro; ‘Rabhadh mu ghainnead luchd-taic cànain’, BBC Naidheachd: 14.11.2011). A-rithist, bha an t-eagal orm. Dh’ ionnsaich mi-fhèin Fraingis is Ghearmailt deichead air ais agus tha fios agam gur e mòran duine a th’ ann sa roinn Eòrpa a’ bruidhinn Gàidhlig. ‘S docha ’s e oileanaich no luchd-taic cànain a th’ ann an dùthchannan eile a tha dèonach ag obair ann an Alba leis a’ Gàidhlig? Mar eisimpleir: ann an clasaichean Fraingis tron Gàidhlig, clasaichean Gearmailtis tron Gàidhlig agus fiù’s Gàidhlig a-mhàin – nach robh cùrsaichean ann airson luchd-teagaisg Èireannach a thiginn a-nall?). B’ urrainn dhuinn taic is seirbheisean aig Alliance Française no Goethe Institut cleachdadh agus taic bho Chomhairle Bhreatannaich cuideachd. Bha neach-taic cànain agam nuair a bha mi aig sgoil – Florence. Thoisich i iomlaid-‘penpal’ agus sgrìobh mi do Laëtitia. Dh’fhàs sinn mòr aig a chèile agus mu deich bliadhna air ais chaidh mi air a’ bhanais aice. ’S e caraid a th’ annam fhathast agus bidh mi a’ dol gu a cuirm-bhliadhnail aice ann am Màrt. Tha luchd-taic cànain math airson cùisean dhùthchannan cèin! ’S docha ‘s e sin deagh adhbhar eile a thoirt mòran dhuibh do Alba.

Advertisements