Abair latha soirbheachail an-dè airson Go For it Scotland aig Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh. Chaidh an tachartas air chraoladh air BBC Wales, ITV Wales agus air Sky News.
Clàradh
http://new.livestream.com/IndependenceLive/walesyes
https://www.youtube.com/watch?v=ioNiktaJ9KQ
Òraid a rinn mi
Muinntir na Cuimrigh, a chàirdean,
Chan eil ach còig làithean gus Reifreinn na h-Alba, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri Diardaoin mar 4.3 million luchd-bhòtaidh eile. ‘S e clàr a th’ ann. Chaidh ceithir fichead sa seachd deug as a’ cheud de luchd-bhòtaidh a chlàradh airson na bhòt an àth-sheachdain. Abair thoradh airson ar deamocrasaidh! Tha e fìor a ràdh gu bheil e glè spreòdaich. Tha e doirbh a chadal. Ach tha obair gu leòr a dhèanamh fhathast. Chan eil uair sam bith son a bhith furmailteach ge-tà.
Anns na còig làithean a tha seachad, às dèidh a’ chiad thoradh YouGov, chunnaic sinn an neart aig Westminster, na Meadhanan agus na margaidean, ann am maoim na h-anmoiche . Ach, chuala sinn na h-aon sgeulachdan mìosan air ais.
Tha mi a’ creidsinn gu bheil sinn daoine glic agus gu bheil sinn a’ feitheamh, feitheamh gus Diardaoin a chur crois air a’ phàipeir bhòtaidh. Agus tha mi a’ creidsinn gum bi ar deamocrasaidh soirbheachail Dihaoine.Chan fhaca sinn gluasad cho mòr is làidir ann an Alba mar an iomairt ‘Bu Chòir’ againn airson neo-eisimeileachd na h-Alba. Thòisich an iomairt seo còrr is dà bhliadhna air ais le stiùireadh bho ‘Bu Chòir Alba’ ach o chionn bliadhna chunnaic sinn atharrachadh far an deach smachd beag air bheag dhan na buidhnean Bu Chòir ionadail agus mu dheireadh thall mu mhìos no dhà air ais dhan na phoblach gu lèir. Sin am smachd agus an cumhachd nach toil Westminster agus a meadhanan no na margaidean idir. Chan fhaca mi uair ann an eachdraidh na h-Alba nuair a bhios cumhachd mar sinn aig a’ phoblach. Mar sin, chanainn gum bu chòir do dh’ Alba an cumhachd agus smachd a chumail agus gus sin a dhèanamh feumaidh sinn Bu Chòir bhòtadh.
Agus tha sibh fhèin a’ cluich pàirt mòr ann an gluasad seo cuideachd. Tha nàiseanan agus dùthchannan eadar-nàiseanta mar Chuimrigh a’ coimhead oirnn le ùidh. Tha sinn taingeil gu tachartasan mar seo an-diugh agus bha an tachartas mòra ann am Barcelona an seachdain seo feumail. Chanainn siuthadaibh do Chatalòinia; agus chanainn dall oirbh do Bhreatnaich, a’ Chòrn agus nàiseanan eile.
Tha am brìgh agaibh uile cho cudromach. Agus nuair a bhios an àm ceart agaibh fhèin, bidh sinne ann còmhla ruinn a chuideachadh. Tha e soilleir gu bheil sinn ag obair math ann an co-obrachadh mar sgioba eadar-nàiseanta.
Tapadh leibh Go for it Scotland agus tapadh leibh sibhse, muinntir na Cuimrigh.
Cuimrigh, gabh an cothrom, dèan plana airson neo-eisimeileachd na Cuimrigh, bruidhinn ris a h-uile duine sna bàiltean agus cleachd an gluasad sòisealta a tha againn an-dràsta.
Cho fad ’s a tha Westminster ann am breislich, gun plana èifeachdach airson an t-àm ri teachd, tha mi cinnteach gum bi mòran cothroman a tighinn thugaibh.
Gabh an cothrom, a chàirdean. Dall oirbh!
Ie i’r Cuimrigh.
Dealbhan a rinn mi
Beachdan o chionn ghoirid