Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

Sgoil shamhraidh

Cursa goirid ann an Gaidhlig – latha 4

Thoisich sinn le clas comhraidh ach bha clas goirid oir bha Morna bho BnaG ann agus bha coinneamh againn comla ri ise. Bhruidhinn sinn mu dheidheinn structar na clasaichean is a ‘ chursa.

As deidh sin, chuala sinn oraid le oighe Agnes Rennie. Tha i ag obair aig companaidh foillseachadh, Acair ann an Steornabhagh.

An uair sin, bha buth-obrach aig Angela NicFhionghuin a-rithist. Bha clas math. Rinn sinn obair le claradair.

Advertisements

Cursa goirid ann an Gaidhlig – an treasamh latha

Thoisich sinn leis a’ chlas comhraidh Dihaoine. Bhruidhinn sinn mu dheidheinn an turas a dh’ Uig agus de am bi sinn a’ deanamh aig dheireadh an sheachdain.

As deidh cofaidh, chaidh sinn sa chlas ceol comhla ri Chalum Martin mar oide. Fhuair sinn facal-faire airson eadar-lion sa cholaiste a chleachdadh, ge-ta cha d’ obraich e!

Chord rium a’ sgriobhadh oran airson seachdain nam meadhanan soisealta ach cha robh tide gu leor airson ceol dheanamh. ‘S docha bi turas ga dheanamh an ath sheachdain…

As deidh na clasaichean, chaidh sinn dhan aite-fuirich ur airson 2 latha.

Seo dealbh an sealladh bho mo h-uinneag sa mhadainn aig ionad na drochaid – no a’ sheann YM. B’ e madainn bhreagha a bh’ ann.

Cursa goirid ann an Gaidhlig – an darna latha

B’ e Angela Nicfhionghuin an t-ainm a bh’ air an oide againn an-diugh. Tha i ag obair aig Reideo nan Gaidheal. Rinn sinn brainstorming airson beachdan airson proiseactan a dheanamh tron an cursa goirid. Tha 3 proiseactan a-nis agus ni sinn aon airson claradh dheanamh airson program air an reideo! ‘S docha!

As deidh lon am feasgar, chaidh sinn don museum nan Eilean airson fiolma is taisbeanadh fhaicinn.


Cursa goirid ann an Gaidhlig – a’ chiad latha

Rinn mi a’ chiad latha mo cursa goirid ann an Gaidhlig an-de. Cha robh toisich nas fhearr airson mi-fhein oir bha mi sgith, ach co-dhiu cha robh latha garbh san clasaichean!

Ann am buidheannan, dh’obraich sinn air bardachd sa chlas aig Anna Frater. Tha mi cinnteach gun sgriobh i dan gun leugh mi an-uiridh sa chlas litreacheas aig oilthigh. Uill, rinn sinn bardachd gu math neonach ach bha clas sporsail! Chleachdadh sinn faclan air pios paipear agus chruathaich sinn da dan.

Tha obair dachaigh againn son Dihaoine. Feudaidh sinn dan ur is nas fhearr dheanamh!

Cruthaich làrach-lìn no bloga an-asgaidh air WordPress.com.

Suas ↑