Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

Lios MoChuda

Lios MoChuda, na Gàidheil agus #Gàidhlig

Seo òraid a rinn mi an-uiridh aig Sabhal Mòr Ostaig ann an clas Saoghal na Gàidhlig:

Screenshot 2014-04-13 11.42.03

’S e amas na h-òraid a thoirt gearr-chunntas eachdraidheil de Lios Mochuda agus a buntanas leis na Gàidheil agus an cànain. Tòisichidh mi le linn a’ Chàlbhain agus cleachdaidh mi sin a neartaich am beachd agam agus a ràinig aig dealbh de far a bheil sinn an-diugh a thaobh Gàidhlig anns a’ bhaile seo.

’S e baile beag agus seann sgìreachd a th’ann an Lios Mochuda, a’ suidheachadh sa dhùthaich faisg air Lannraig, ann an Dail Chluaidh, ann an Siorrachd Lannraig a Deas. Tha tri fichead sa chòig mìle ceàrnagach den tìr gu lèir ri faighinn anns an sgìreachd seo a tha cuartaichte le Cander Water, the Poniel, River Clyde agus Kype Water. Tha na h-aibhne Nethan a’ ruith tron a’ pharaiste bho thùs aig Nutberry Hill gu River Clyde aig Crossford.

Tha sluagh aice mu 13,000 [1] agus a rèir cunntas-sluaigh ann an 2001, bha ochd duine aig a bheil Gàidhlig a’ fuirich ann an Lios Mochuda.[2] Mar am faic sinn, dh’fhuirich daoine an seo airson linntean.

A thaobh an linn ro-eachdraidheil, a rèir eachdraiche ionadail, bha tuineachadh sgapte  ann an Lios Mochuda aig Linn na Cloiche.[3]Bha tursachan ann an Draffan – cho mòr ri Stonehenge, ach chan eil iad a’ seasamh an-diugh. Tha fianais àrc-eòlais ann bho Linn an Umha cuideachd bho àitichean ann an Lios Mochuda, ma dh’fhaoidte, le ainmean Gàidhlig. Mar eisimpleir, tha fianais de chàrn, dùn-cnuic agus tuineachadh aig Black Hill; bha àite-adhlaic ri fhaighinn aig Knocken; agus lorg cuideigin coire aig St. Bride’s Well. Fhuair cuideigin lorg ceann na tuaighe ann an Lios Mochuda cuideachd!

Screenshot 2014-04-13 11.42.13

Tha am fianais seo a’ dearbhadh gun robh daoine a’ fuireach ann an Lios Mochuda agus a’ siubhail ris agus leis an sgìre; agus a rèir Barrett (1994), tha na seann thursachan aig Draffan a’ riochdachaidh àite glè chudromach a thaobh àiteachas agus fiù ’s creideamh. ’S e gnàthachadh a bh’ ann a bha a’ tachairt air feadh Eòrpa an Iar.[4]

A rèir Annals of Lesmahagow, thàinig na Cruithnich cuideachd agus bha iad a’ fuirich san sgìre seo aig an aon àm mar na Gàidheil agus na Ròmanaich. Co-dhiù, ’s e fiacham a th’ ann gun robh na Cruithnich a’ fuireach ann an Lios Mochuda oir chan eil fianais sam bith. A thaobh na Ròmanaich, tha fianais àrc-eòlais gu leòr air feadh an sgìre nas farsainge agus lorg cuideigin bonn-airgid na Gaille faisg air St. Bride’s Well. Tha seo a’ dearbhadh gun robh malairt ann an Lios Mochuda cuideachd, ’s mathaid gu bheil![5]

Tha mi cinnteach gun d’ thàinig a’ chiad Gàidheil air nan aon slighean agus staranan mar na Cruithnich agus na Ròmanaich; agus gun teagamh chleachd iad cùrsaichean dhen ceithir aibhnichean a tha ann mar gàrradh-crìche de Lios Mochuda.

Tha fios againn gu bheil Gàidheil a’ fuireach an seo oir ’s e Lios Mochuda an t-ainm a th’ air a’ bhaile mus do dh’ fhollaiseachd a’ chiad chlàr sgrìobhte agus mar sin tha ainm a’ bhaile a’ tighinn bho thùs bhon a’ Ghàidhlig. Thathar a chreidsinn gur e ainm Gàidhlig a th’ ann an Lios MoChuda, leis an t-ainm a’ tighinn bho seann naomh Naomh Malo – an aon naomh airson Lios Mor ann an Alba is Eireinn. Ach tha sgoilearachd eile a tha na bheachd gur e naomh eile Fhègu mar ann an Ecclefechan ach chan eil am beachd seo cho làidir.

Bha Lios Mochuda pàirt na slighean taisgealachd, gun teagamh, ach tha againn ri mòran rannsachadh dhèanamh an seo gu h-àraid air sgàth gu bheil slighean taisgealachd math a thaobh an eaconamaidh agus tourism an-diugh. Tha fios againn seo oir tàinig manaich Tironesian do Lios Mochuda ann an 1144 le taic bho Rìgh Daibhidh a h-Aon.

Nuair a thàinig na manaich, thogadh iad abaid agus mhathaich iad na h-apainnean. Thug agus tharraing iad creideamh ùr, cultar ùr agus cànain ùr. Aig an àm sin, bhiodh mhòr-chuid an sluaigh a’ bruidhinn sa Ghàidhlig ach bha mòran cànain eile mar Laidinn, Fleamais, Fraingis, Albais agus Beurla  a’ tighinn a-steach bhon abaid agus, gun teagamh, bhon Gearastan ann an Lannraig a chur Rìgh Daibhidh a h-Aon air dòigh. Ann an 1978, chaidh cladhach àrc-eòlais air thachairt. ’S e ‘The Dig’ an t-ainm a th’ air an àite seo an-diugh agus dh’ionnsaich a’ bhaile mòran mu dheidhinn eachdraidh na baile.

A thaobh creideamh sa bhaile, chan eil ach na draoidhean is manaich. Tha creideamh a’ cluich pàirt mòr ’s cudromach sa bhaile an-diugh cuideachd. Tha teampall ann far a bheil Hare Krishnas, dà eaglaisean – Eaglais na h-alba – agus Talla a’ Gheallaidh (Hope Hall). Chuala mi cuideachd gu bheil creideamh ann as a Chuimrigh san sgìre.

Tha ceangal nas motha aig Lios Mochuda gu Cuimrigh ge-tà! Sna 13mh linn sh’fhuirich Uilleam Uallas ann an Lios Mochuda aig taigh bhràthair athair aige. A rèir beul aithris, rachadh Uallas – a’ ciallachadh “bho Cuimrigh’ –do Lannraig bhon taigh seo, thairis nan mòintich is achaidhean airson saighdearan Sasannaich a spadadh!  Tha fios againn gu bheil Gàidhlig aig Uallas còmhla ri Laidinn, Fraingis is gun teagamh Beurla agus gu bheil mòran Gàidhlig san sgìre aig an àm sin.

Screenshot 2014-04-13 11.42.19

A dhol air adhart chun a 18mh linn gu Linn Seumaisach, tha fios againn gu bheil Gàidheil timcheall mun cuairt Lios Mochuda air sgàth gu bheil cunntasan sgrìobhte ann an “Annals of Lesmahagow”. ’S urrainn dhuinn faicinn bhon cunntasan seo gu bheil gluasad ann bho coimhearsnachd fulangas na 13mh linn ge-tà. Tha e gu math soilleir gun robh sgaradh sa coimhearsnachd a thaobh creideamh agus bhiodh e fìor a ràdh gun do thòisich seo mu àm an Ath-leasachaidh anns an 16mh linn. Tha Lios MoChuda ainmeil airson ag iomairt is a’ sabaidean airson an Cùmhnant, bha mòran Cùmhnantaich an sin, le Daibhidh Steele am fear nas cliùitiche agus le mòran measail aig an t-sluagh. On 20.12.1686 When David Steel, 33, surrendered on conditions of quarter and fair trial in Edinburgh, Lt Crichton went against his word and ordered his dragoons to shoot him. They refused. He asked the infantry to shoot him, and they did. His infantry men were Highlanders.[6]

Co-dhiù, fiù ‘s an-diugh ann an Lios MoChuda, tha seann dhaoine fhathast mi- fhulangas agus tha iad na beachd fhathast gu bheil a bhith na Gàidheal agus cleachdadh na Laidinn an aon rud mar a bhith na Caitligeach (no Celt) no dìreach ‘eile / the Other’. Seo eisimpleir bho beul-aithris far am faic sinn moit airson tachartas an aghaidh na saighdearan Gàidhlig:

“There are in this parish a few relics of the “45”.  As a souvenir of the Rebellion,  Mr James Meikle, innkeeper, possesses a dirk, said to have been left at Milltown “by ane of the Highlanders”.  The inscription upon the blade is “IN TE DOMINE.”   In Mr McKirdy’s collection are a sword and pistol which were secured by an ancestor of Mr Scott, farmer at Auchlochan, in an encounter on the Broken Cross muir with three Highlanders, who attempted to deprive him of his “brogues”.   Tradition says that the Celts had been drinking at Douglas Mill Inn, after the retreat from Derby, when a party of farmers in the neighbourhood rode up to the door, declaring that their enemies were in persuit of them, and had reached Abington.  When the Highlanders were at Lesmahagow, a similar device was resorted to by announcing that their pursuers were at Douglas mill.  The artifice was successful, and it is said that a party of the Celts, who had prepared themselves a rude but substantial repast at Auchtykernel, by pouring the contents of a churn into a washing tub, and mixing it up with meal, barely left themselves time to partake of it in their haste to escape from their imaginary pursuers.”[7]

Screenshot 2014-04-13 11.42.24

Co-dhiù, agus mar co-dhùnadh, le sin a ràdh, tha sinn an-diugh a-fuireach ann an linn didseatach far a bheil mòran lìonradh sòisealta ann agus far a bheil coimhearsnachdan fad nas fulangas air an fharsaingeachd. Chan eil sinn a’ fuireach ann an Dùthaich an-diugh, taing do Dhia, far a bheil sinn ag iarraidh mòran stuth buidheannaiche. Tha eachdraidh beothail aig Lios MoChuda, ach tha an t-àm ri teachd nas cudromaiche; agus  tha mi dhen bheachd gu bheil àite nas motha ann an Lios MoChuda agus Siiorrachd Lannraig a Deas agus àitichean eile sa Galldachd airson Gàidhlig a leasachadh.

Aig deireadh an latha tha Gàidhlig pàirt an eachdraidh Lios Mochuda agus cuideachd bha Gàidhlig ann bho am nan cian – fiu s gun robh cha robh ach ochd duine aig am na cunntas sluaigh mu dheireadh.

Nam bheachdsa, bu chòir do Ionad ùr fosgladh ann an Lios Mochuda far am bi clasaichean Gàidhlig is cùrsaichean a theagasg eachdraidh agus dualchas Lios Mochuda agus Alba. Agus carson nach dèan sinn sin. ‘S e fhathast baile is àite fhoghlam a th’ ann an Lios Mochuda dìrach mar a bha e roimhe airson linntean a bha seachad.

 

[1] Ekos Limited, Lesmahagow Village Centre Marketing and Events Strategy for South Lanarkshire Council, March 2012, d.2 http://www.lesmahagowdevtrust.com/resources/Lesmahagow+Marketing+$26+Events+Strategy$2C+EKOS$2C+March+2012.pdf [accessed 05.04.13]

[2] 0.22% a-mach a sluagh de 3685 http://www.scrol.gov.uk/scrol/browser/profile.jsp?profile=Population&mainArea=lesmahagow&mainLevel=Locality

[3] Robert McLeish, Lesmahagow Farmers Society: A Brief History (1803 – 2009), http://www.lesmahagowfarmerssociety.co.uk/history.asp [accessed 04.04.13]

[4] John C. Barrett. Fragments from Antiquity: An Archaeology of Social Life in Britain, 2900-1200 BC. Oxford and Cambridge, Massachusetts: Blackwell (1994:5)

[5] http://canmore.rcahms.gov.uk/en/site/46491/details/lesmahagow/

[6] http://www.mcsr.olemiss.edu/~mudws/family/lesmahagow.html

[7] http://www.lesmahagow.com/annals/04004.asp

Advertisements

Farpais Cheist Taigh Seinnse ann an Lios Mochuda


Bha mi a’ cluich ann an sgioba le trì buill eile aig farpais-cheist taigh seinnse ‘SNP’ ann an Lios Mochuda ach bhuannaich sgioba bho mheur eile! Co-dhiù, bhuannaich mise dà dhuais sa Raffle! Deagh cheartachadh airson University Challenge!

Nollaig ann an Lios MoChuda

Chord Nollaig rium aig an teaghlach agam ann an Lios MoChuda.

Ràinig mi air Oidhche na Nollaige leis an X74 a Glaschu direach as deigh thainig mi dachaigh bho Faro, Portugal.

Cha d’rinn mi moran air a’ chiad nochd. Dh’ith mi dinnear agus choimhead mi beagan telebhision le m’ athair is mo mhathair. Nochdadh mo phiuthar Donna mu 9f. Bha i ag obair. Mu meadhan an oidhche dh’fhosgailte sinn preusant agus chaidh mu dhan leabaidh. Bha mi sgith oir dhuisg mi aig 4m!

Cruthaich làrach-lìn no bloga an-asgaidh air WordPress.com.

Suas ↑