Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

Mìos

An Dàmhair 2013

Trì làithean aig a’ Mhòd

image
Seo mise a' cuir fiosrachadh a-mach mun Chommun Oileanaich Cheilteach agus Là Twitter Gàidhlig

Bha mi ag obair saor thoileach aig stannd a chur fiosrachadh a-mach mun comann oileanaich a tha mi an sàs an am bliadhna.  Bha e ma ri fhaicinn alt sna naidheachdan BBC an-de mu dheidhinn sin.  Bha mi cuideachd a’ sireadh taic agus a’ lorg beachdan airson an iomairt agam fhèin – Là Twitter – an ath bhliadhna.

Feumaidh mi ràdh chan e am Piazza Shopping Centre àite nas fheàrr a bh’ ann. Bha e sàmhach oir  cha robh mòran a’ tachairt agus cha robh fios aig mòran duine gun robh Taisbeanadh Ghàidhlig ann.  Mar bhuail, bha pìos air na naidheachdan an-dè air An Là agus bha Donnchadh,  Chrìstein is Fionnlagh a’ bruidhinn.  Bhiodh e nas fheàrr ma bha an taisbeanadh ri fhaighinn anns an talla a’ bhaile.

Bha mi glè fhortunach feasgar Diciadain aithris de dhàn ri fhaighinn bho nighean bheaga a bhuannaich duais airson a’ leughadh pìos bàrdachd mu dheidhinn a’ dol dhan sgoil airson a’ chiad là.  Agus air an aon feasgar sheinn sgoilearan bho chòisir aig sgoil ùr Dhùn Èideann,  Bun-sgoil Taobh na Pàirce,  air an àrd-ùrlar. Bha siud uabhasach math ri chluinntinn.

Tha tuigse nas fheàrr agam a-nis mu dheidhinn Mòdan Nàiseanta.  Tha iad cudromach,  ach tha feum ann cuideachd airson leasachadh.

Advertisements

@CelticStudents Launch – Cur air bhog @CelticStudents

Seo dealbhan a thog mi an-diugh agus an-dè aig a’ Mhòd Nàiseanta. Tha dealban ann air vur air bhog de Chomunn Oileanaich Cheiltis agus cuideachd de tadhal de Phàislig le Bana-phrìonnsa Anna.

@CelticStudents Launch – Cur air bhog @CelticStudents.

slighe @CelticStudents Launch – Cur air bhog @CelticStudents.

Invitation to the Launch of the Association of Celtic Students | Cuireadh don Chur air Bhog de Chomann Oileanaich Cheiltis na h-Èireann agus Bhreatainn

 

Comann Oileanaich Cheiltis

Invitation to the Launch of the Association of Celtic Students | Cuireadh don Chur air Bhog de Chomann Oileanaich Cheiltis na h-Èireann agus Bhreatainn.

slighe Invitation to the Launch of the Association of Celtic Students | Cuireadh don Chur air Bhog de Chomann Oileanaich Cheiltis na h-Èireann agus Bhreatainn.

Tha Beurla aig An Comunn Gàidhealach

modO chionn 2009, rinn mi beagan obair is rannsachadh pearsanta air Mòd Nàiseanta na h-Alba. Thòisich mi iomairt am Mòd Nàiseanta a ghluasad gu Glaschu ann an 2015. An uair sin, ann an 2011, bha mi nam stiùbhard ann an Steòrnabhagh agus an uiridh rinn mi gearain mun dìth de chleachdadh na Gàidhlig air an làrach-lìn Dhùn Obhainn. Am bliadhna, ann am Pàislig, tha mi ag obair saor thoileach aig stannd a chur comann oileanaich ùra air adhart.


Chaidh mi air loidhne airson barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn mus tèid mi an sin a-màireach. Cha d’ fhuair mi am fiosrachadh seo a bha feum agam sa Gàidhlig agus cha robh mi toilichte nach robh mòran susbaint Gàidhlig ri fhaicinn nuair a chleachd mi am putan ‘Gàidhlig’.

Tha mi fhathast nam bheachd gum bu choir dhuinn Gàidhlig a’ cleachdadh aig gach ìre agus anns a’ chiad dol-a-mach nuair a tha sinn ag obair às leth cuisean Gàidhlig – dìreach mar a tha Kylie ag ràdh aig Oilthigh Ghlaschu – agus gu h-àraidh nuair am faighinn buidhnean airgead poblach airson sin a dhèanamh.

Nì mo dhìcheall a bhith cuspaireach, gu h-àraidh às dèidh eòlas fìor mhath anns a’ Chuimrigh am bliadhna aig an Eisteddfod far an robh a h-uile rud sgrìobhte sa Chuimris (agus uaireannan ann am Beurla cuideachd); agus far an robh a’ mhòr chuid na daoine a’ bruidhinn dìreach sa Chuimris le chèile. Bidh mi a’ dèanamh coimeas gun teagamh air sgàth gu bheil an Eisteddfod deagh thachartas/fhèis sin a dhèanamh.

taisbeanadh

Tha Beurla aig An Comann Gàidhealach. Bha e furasta gu leòr ‘mod naiseanta’ a lorg agus nuair a rinn mi sin, bha e gu math soilleir nach eil Gàidhlig a’ phrìomh cànan (sgrìobhte) aig a’ Mhòd. Tha e cudromach gu bheil atharrachadh mòr a thaobh an cultur-obrach seo agus feumaidh An Comunn Gàidhealach Gàidhlig chleachdadh air loidhne agus dèan cinnteach gu bheil e follaiseach. Bha e math ri fhaicinn gu bheil Gàidhlig aig Mòd Phàislig ge-tà.

Rù-rà. Tha e math ri fhaicinn gu bheil An Comunn Gàidhealach a’ cleachdadh an eadar-lion, ach tha trì seòlaidhean ann: Acgmod.org, ancommun.co.uk, modphaislig.org. Chan eil sin a’ coimhead glè mhath. Carson a tha dà làrach-lìn ann airson an aon tachartas? Tha e ag innse dhomh gu bheil sgaraidhean ann, agus tha fios agam bho eòlas, gur e fad nas fhèarr a bhith ag obair le chèile airson mòran cothroman a chruthachadh agus leasachadh. Bhiodh e fad nas fhèarr ma bhios dìreach aon làrach-lìn aig An Comunn Gàidhealach. Bu chòir do am prìomh-àras a chur taic chun na buidnean eile. Tha mòran cothroman ann airson structar ùra, obraichean ùra a chruthachadh.

Fiosrachadh eile a dh’ionnsaich mi. Tha e soilleir gum bi am Mòd air BBC Alba – Diluain aig 10f. A-rithist, bhiodh e fad nas fhèarr nam bhiodh am BBC a’ cleachdadh Gàidhlig sa chiad dol-a-mach gu h-àraidh nuair a tha e comasach a dhèanamh lorg air loidhne. Tha e soilleir cuideachd gu bheil mòran ùidh a thaobh am Mòd an-uiridh – agus air an taobh eile tha e follaiseach, ‘s dòcha, nach eil mòran gnìomhachd a thaobh Mòd Phàislig am-bliadhna. Tha sin ag innse dhomh nach robh mòran obair air dhèanamh a chur an tachartas seo air dòigh chun a’ phoblach air loidhne.

1 Lorg 1.1 Lorg

Dèante: Subcrawl a’ Chomuinn Oiseanaich!

Rinn mi Subcrawl a’ Chomuinn Oiseanaich airson a’ chiadh thuras an-dè – mu dheireadh thall – agus feumaidh mi ràdh gur b’ e abair latha ’s oidhche a bh’ ann.Subway

Thòisich sinn aig 3f anns a’ QMU Oilthigh Ghlaschu far an do chruinneachadh sinn. Bha muinntir ann bho oilthighean eile cuideachd – bho Oilthigh Srath Chluiadh, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Sriughlea agus Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Bha e math ri fhaicinn a h-uile duine a’ tighinn ri chèile. ‘S e dìreach rud math a th’ ann nuair a tha cothroman mar sin a bhith a’ cleachdadh mo sgilean Gàidhlig ann an dòigh gu nadurrach – dìreach mar a bha e an-dè.

Airson a’ chiad stad, chaidh sinn air an Subway gu Talla na Kelvin far an deach sinn chun a’ Lios Mòr airson deoch. Chunnaic mi sanas anns an taigh-beag. Às dèidh deoch no dhà an sin, chaidh sinn air ais chun a’ Subway a dhol do Phartaig agus chaidh sinn a-staigh taigh-seinnse ‘Deoch an Dorus’. Tha cuimhne agam gun do ghabh mi leth phinnt de Leffe an sin.

Tweet le dealbh bho @Oiseanach: https://twitter.com/oiseanach/status/386518844694884352

Lios Mòr    Bha e math ri fhaicinn na h-oileanaich bho an Comunn Cheilteach / Comunn Oileanaich Cheiltis a-rithist, gu h-araidh air sgàth gu bheil mi ag obair le fear no dhà dhaibh a chur tachartas air dòigh aig a’ Mhòd an ath sheachdain. ‘S e ’drinking buddy’ math a th’ ann an Allan!

Chaidh sinn gu Baile a’ Ghobhainn agus gu taigh-osda ‘Coopers’ agus an uair sin gu Sràid Dhrochaid far an do dh’ ithe mi agus bha mi a’ bruidhinn ri cuideigin bho Ghrangemouth mu dheidhinn poiliteags agus gu bheil e airson bruidhinn ri cuideigin ach bha a h-uile duine a’ bruidhinn sa Ghàidhlig is cha robh e comasach! Tha cuimhne agam gun robh fear aosda ann à Bharraigh agus gun d’ thuirt e gun robh e a’ fuireach ann an Glaschu airson 24 bliadhnaichean. Bha Gàidhlig gu leòr aige agus bha e soilleir gun robh e toilichte a bhith bruidhinn sa theanga seo.

Às dèidh greis, chaidh sinn air ais air an Subway agus ràinig sinn St Enoch’s agus chaidh sinn gu Times Square. Chòisich sinn suas gu Waxy o’ Connor’s ach cha robh cead again bho na bounsairean a’ dol a-staigh ’s mar sin chaidh sin gu taigh-òsda na Pairce agus an uair sin gu O’ Neills ann an Sràid Sauchiehall.

 

Bha mi glè thoilichte càirdean bhon an uiridh aig SMO faicinn ann an O’ Neills – gu h-àraidh Eilidh Ceilidh. Cha do chreids mi e nuair am faca mi i ann!

2013-10-05 23.48.57

Agus bha mi a bruidhinn ri Cat – a’ rithist, bha sin math cuideachd air sgàth nach robh sinn riamh bruidhinn taobh a-muigh Facebook ro na h-oidhche sin!

Cha d’ fhuair mi dhachaigh gus còig uair sa mhadainn ach fhuair mi cadal math agus mar a thuirt mi ron a sheo, ’s e abair oidhche a bh’ ann!

Tha Gàidhlig beò ann an Glaschu gun teagamh!

Rinn mi mo bhloigh son na Duaisean!

Chan eil ach sia uairean air fhàgail a chur a-steach molaidhean airson Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2013. ‘S e meadhan-oidhche a th’ ann an ceann-latha. Tha deich seòrsaichean ann bho Duais Luchd-ionnsachaidh, An Duais Ealain is Chultarach, An duais Spors, agus An Duais Choimhearsnachd, Dualchais is urasachd gu an Duais Eadar-nàiseanta, Tosgaire Òg na Bliadhna agus an Duais airson Iomairt san Àite-obrach.

Seumaidh air an latha mu dheireadh ag obair air Duaisean Gàidhlig na h-Alba.
Seumaidh air an latha mu dheireadh ag obair air Duaisean Gàidhlig na h-Alba.

Uill mar a thuirt mi san tiotal am bloga seo – rinn mi mo bhloigh airson na Duaisean seo! Chaidh mi a-steach do Media Scotland/Daily Record ann an Glaschu aon latha gach seachdain san t-Sultain a thoirt ainmeachaidhean a-steach agus déilig ri ceistean bhon a’ Phoblach mu dheidhinn na Duaisean anns a’ Gàidhlig. Gach seachdain bhiodh mi a’ sgrìobhadh puist-dhealain no a bhruidhinn air a fòn ann an Gàidhlig. Cha chreid mi gun do chuala na luchd-obrach san oifis ron a sheo!

Tha cuimhne agam às dèidh a’ chiad latha rinn mi duilleag le abairtean simplidh ann an Gàidhlig agus ceangal gu LearnGaelic.net. Nuair a thàinig mi a-steach an ath thùras bha dithis a’ cleachdadh na abairtean. ‘S e rud math a bh’ ann a chluintinn.

Chòrd e rium a bith ann aon latha gach seachdain – gun paigh cuideachd. ‘S e seòrsa greis-gnìomhachais a bh’ ann. Bha mi ag ionnsachadh mu dheidhinn an t-saoghail de Tachartasan chorporra aig ìre nas àirde. Bha an t-àite obrach gu math aibheiseachadh agus dh’fhàg mi gach tùras le gaoir ann sa cheann. ‘S e rud math a bh’ ann, mar a bhi mi a’ fearachdainn às dèidh gach latha a bha mi ag obair aig na Geamaichean an-uiridh no fiù ’s an-dè agus bhon-dè às dèidh na seiseanan treanadh a rinn mi san obair ùr agam. Bha na luchd-obrach snog agus cuideachail.

‘S e deagh èolas a bh’ ann a bhith an sàs sna Duaisean.

Tha mi an dùil gum bi a’ dol gu Dùn Èideann nuair a thèid na Duaisean a thoirt seachad aig dinnear fìor mhath sna Lus-ghàrraidhean Rìoghail ann air 20 Samhain 2013. Tha mi a’ dèanamh fiùghair ri sin!

Faigh bloga air Wordpress.com.

Suas ↑