Chan eil ach sia uairean air fhàgail a chur a-steach molaidhean airson Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2013. ‘S e meadhan-oidhche a th’ ann an ceann-latha. Tha deich seòrsaichean ann bho Duais Luchd-ionnsachaidh, An Duais Ealain is Chultarach, An duais Spors, agus An Duais Choimhearsnachd, Dualchais is urasachd gu an Duais Eadar-nàiseanta, Tosgaire Òg na Bliadhna agus an Duais airson Iomairt san Àite-obrach.

Seumaidh air an latha mu dheireadh ag obair air Duaisean Gàidhlig na h-Alba.
Seumaidh air an latha mu dheireadh ag obair air Duaisean Gàidhlig na h-Alba.

Uill mar a thuirt mi san tiotal am bloga seo – rinn mi mo bhloigh airson na Duaisean seo! Chaidh mi a-steach do Media Scotland/Daily Record ann an Glaschu aon latha gach seachdain san t-Sultain a thoirt ainmeachaidhean a-steach agus déilig ri ceistean bhon a’ Phoblach mu dheidhinn na Duaisean anns a’ Gàidhlig. Gach seachdain bhiodh mi a’ sgrìobhadh puist-dhealain no a bhruidhinn air a fòn ann an Gàidhlig. Cha chreid mi gun do chuala na luchd-obrach san oifis ron a sheo!

Tha cuimhne agam às dèidh a’ chiad latha rinn mi duilleag le abairtean simplidh ann an Gàidhlig agus ceangal gu LearnGaelic.net. Nuair a thàinig mi a-steach an ath thùras bha dithis a’ cleachdadh na abairtean. ‘S e rud math a bh’ ann a chluintinn.

Chòrd e rium a bith ann aon latha gach seachdain – gun paigh cuideachd. ‘S e seòrsa greis-gnìomhachais a bh’ ann. Bha mi ag ionnsachadh mu dheidhinn an t-saoghail de Tachartasan chorporra aig ìre nas àirde. Bha an t-àite obrach gu math aibheiseachadh agus dh’fhàg mi gach tùras le gaoir ann sa cheann. ‘S e rud math a bh’ ann, mar a bhi mi a’ fearachdainn às dèidh gach latha a bha mi ag obair aig na Geamaichean an-uiridh no fiù ’s an-dè agus bhon-dè às dèidh na seiseanan treanadh a rinn mi san obair ùr agam. Bha na luchd-obrach snog agus cuideachail.

‘S e deagh èolas a bh’ ann a bhith an sàs sna Duaisean.

Tha mi an dùil gum bi a’ dol gu Dùn Èideann nuair a thèid na Duaisean a thoirt seachad aig dinnear fìor mhath sna Lus-ghàrraidhean Rìoghail ann air 20 Samhain 2013. Tha mi a’ dèanamh fiùghair ri sin!

Advertisements