Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

roinn-seòrsa

iGaidhlig

Naidheachdan mun Leabhraichean-d Ghàidhlig

Fhuair mi teachdaireachd bho Clàr a-raoir a thaobh leabhraichean-d Ghàidhlig! ‘S e deagh naidheachd a th’ann – nam bheachdsa. Thuirt Clàr mar freagairt air mo bhlog gum bi iad a’ sgrìobhadh do ùghdarran a bha an sàs san sgèama Ùr-Sgeul airson cead nan leabraichean a reic air loidhne mar leabhraichean-d.

‘S e foillsichear Gàidhlig a th’ann an Clàr, agus a rèir an cunntas Twitter aca, tha iad ag obair neo-eisimeileach agus saor-thoileach.

Seo dè sgrìobh am buidheann:

Hi A Sheumais a charaid

Deagh naidheachd (tha sinn an dochas?). Theid a h-uile leabhar Ur-Sgeul a chur ann an cruth diodsatach – ma tha na h-ughdaran fhein ga iarraidh agus deonach – eadar seo agus deireadh 2014 (ma cheadaicheas an uine dhuinn!). Tha sinn air toiseachadh. Bidh sinn a’ cur fios gu na h-ughdaran. Tha sin a’ ciallachadh gu faod corr is 30 nobhail agus cruinneachadh de sgeulachdan goirid a bhith ann, an uine nach bi ro fhada, ma theid leinn. Bidh CLAR a’ deanamh sin agus cumaidh sinn fiosrachadh riut.

Cuideachd, theid Air Cuan Dubh Drilseach le Tim Armstrong (foillsichte le CLAR) a dheanamh mar leabhar didsiotach cuideachd, nas fhaide air a’ bhliadhna seo.

Leis gach deagh dhurachd,

CLAR
@clargaidhlig

 

Advertisements

Latha na Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba – Fòram mu dheidhinn teicneòlas agus na meadhanan sòisealta ann an Gàidhlig

Chòrd an Latha Ghàidhlig rium ann an Dùn Èideann am feasgar seo aig Pàrlamaid na h-Alba. Thoisich an latha agam le fòram mu dheidhinn teicneòlas agus na meadhanan sòisealta ann an Gàidhlig.

Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu 2012

Bha an tachartas ’na chois pannail deasbaid aig Seachdain nam Meadhanan Sòisealta am bliadhna a chuir mi air dòigh san t-Sultain far an robh deasbad air cleachdadh na Gàidhlig, feum airson Apps ann an Gàidhlig, leabhraichean-dealain, Blogging agus cleachdadh na Meadhanan Sòisealta ann an sgoiltean.

A rèir oifigear leasachaidh Gàidhlig:

Tha an latha seo ag amas air buidhnean poblach agus buidnean Gàidhlig. ‘S e amas an latha a bhith a’ co-roinn deagh chleachdadh agus a bhith a’ coimhead air dòighean gus Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta agus tro bhathar bog.

Thug Michael Bauer (@AkerbeltzAlba), ceannard Akerbeltz, taisbeanadh inntinneach air a’ chuspair “Tha Gàidhlig air a’ choimpiutair agad”. Bha seo cothrom fiosrachaidh air na tha ri làimh a thaobh bathar-bog na Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta agus tro bhathar bog – airson liosta faic iGaidhlig.

As dèidh sin, thug Alison Lang (@AlisonLang), bull a’ bhùird aig Clì Gàidhlig, taisbeanadh air LearnGaelic.net as leth Clì Gàidhlig. ‘S e goireas air-loidhne nàiseanta airson luchd-ionnsachaidh a th’ ann an LearnGaelic.net.

An uair sin, thug Alasdair (seirbheis Ghàidhlig) is Linda (seirbheis fiosrachaidh) bhon a’ Phàrlamaid taisbeanadh a thaobh chleachdadh na Gàidhlig sna meadhanan sòisealta agus na leasanan a dh’ionnsaich sinn bhom blog Gàidhlig agus air na h-inbhirean Twitter Gàidhlig is Beurla aca gu ruige seo (@ParlAlba is @ScotParl).

An dèidh na taisbeanaidhean, chaidh sinn timcheall a’ bhùird. Ann am bùithtean-obrach a’ coimhead air dòighean gus Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta, bhruidhinn sinn air ceistean mar brosnachadh luchd-ionnsachaidh, a’ toirt air daoine le Gàidhlig a bhith ga cleachdadh sna meadhanan sòisealta, agus a’ togail inbhe na Gàidhlig am measg luchd na Beurla tro na meadhanan sòisealta.

Chaidh mi chun a’ choinneamh de Bhuidheann Thar-Phartaidh na Gàidhlig às dèidh am fòram seo agus an uair sin chaidh mi chun a deasbaid Gàidhlig BT Alba. ‘S e a chuirt dheireannach a bh’ ann dhen cho-fharpais eadar Sgoil MhicNeacail is Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich. Tha Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich air Deasbad BT Alba 2012 a bhuannachadh agus is e seo a’ chiad turas a tha an sgoil air na cuairtean deireannach a ruighinn. Dhearbh Eòghann Peutan agus Breigha Mhoireasdain gur e iadsan a bha airidh air a’ phrìomh dhuais. ‘S math a rinn iad.

Air an rathad air ais dhan cholaiste, bha mi a’ suidhe air an trèana leis an tidsear – Ruba – dhen sgioba seo agus thuirt i dhomhsa a ràdh ‘hàlo’ gu Meg Bateman, a caraid. Bha an sgioba fhathast air bhioran – agus bha sinn a’ bruidhinn sa Gàidhlig fad an turas suas gu Inbhir Nis! Bha siud math.

Sgrìobh Pàrlamaid na h-Alba pìos sa bhlog aice mun latha cuideachd.

Le Seumaidh Uallas (@SeumasUallas)

Cruthaich làrach-lìn no bloga an-asgaidh air WordPress.com.

Suas ↑