Madainn mhath!

Tha mi an dòchas gum faigh sibh an taisbeanadh agam cho inntinneach ris na taisbeanadhean eile gu ruige seo.

Mar ro-ràdh: Rinn mi an tràchdas agam air an cuspair seo an-uiridh agus bu toil leam toraidhean an sgrùdaidh a thoirt thugaibh.

Falmouth-Taisbeanadh.002

Seo na còig ceistean a bha agam gus an sgrùdadh a dhèanamh. Tha iad air eadar-theangachadh anns a’ Handout agaibh, ann an duilleag a h-aon.

Bha mi airson a lorg dè bha a’ tachairt san raoin gu deireadh 2013; agus an uair sin bha mi ag arraidh buidhnean leasachaidh na Gàidhlig a lorg a bha an sàs ann an Twitter agus an uair sin a lorg ciamar a bha iad ga chleachdadh.

Falmouth-Taisbeanadh.003

A’ chiad cheist rannsachaidh: ‘S e raon sònraichte a th’ ann an rannsachadh air Meadhanan Sòisealta agus Mion-Chànain. Tha an raon seo a’ leasachadh gu luath agus tha e a’ toirt dùbhlan agus cothroman gu mion-chànain, gu h-àraidh leis a’ ghluasad bho mheadhanan traidiseanta a-mhàin gu meadhanan sòisealta nam measg (Multilingual Matters, 2013).

’S e Twitter am meadhan sòisealta as ùire anns an raoin mhion-chànain na h-Eòrpa an-diugh. Thòisich ùidh aig luchd-rannsachaidh ann am meadhanan sòisealta ann an 2010 le Facebook mar chuspair ach ’s e 2011 far an do nochdadh a’ chiad rannsachadh air Twitter agus Cuimris (Honeycutt, 2011) agus le beagan mu dheidhinn Twitter ann am pàipear air meadhanan didseatach na Gàidhlig (Caimbeul, D. agus NicGhriann, E., 2011).  Thog Caimbeul is NicGhriann gairm do bhuidhnean leasachaidh na Gàidhlig a dh’obrachadh le chèile a chruthachadh roinnleachd buan gus Gàidhlig a thoirt air adhart san linn dhidseatach (Caimbeul agus NicGhriann, 2011:181).

Gu mì-fhortanach, cha deach iad fhada. Cha do mhol iad dè seòrsa dreuchd a bhiodh nas fhèarr dhaibh. Chanainn gum biodh sin feumail. Mar bhuil, thathar fhathast a’ feitheamh airson ro-innleachd, no beart-deilbh nàiseanta, anns a bheil a h-uile buidheann leasachaidh na Gàidhlig an sàs, a bhith air foillseachadh.

Ann an 2013 thàinig mòran rannsachadh a-mach airson Cuimris, Catalanais agus Gaeilge agus chaidh leabhar acadaimigeach a fhoillseachadh cuideachd.

An-uiridh, bha rannsachadh eile air Cuimris agus Frìoslannais a’ tachairt agus thòisich mi-fhèin a sgrìobhadh mu dheidhinn Twitter agus Gàidhlig far an robh mi a’ faighneachd cuin a bhios an t-àm ceart a chur Gàidhlig a-steach Twitter (Uallas, 2014) aig an co-labhairt seo ann an Aberystwyth. Beagan mìosan an dèidh sin, chaidh rannsachadh a dh’fhoillseachadh le Katarina Graffman à Stockholm far an do rinn i sgrùdadh air cleachdadh nam meadhanan le Gàidheal agus Lochlannaich òg (Graffman, 2014).

Falmouth-Taisbeanadh.004

Chaidh an rannsachadh seo a dhèanamh ro cheann a’ bhliadhna 2013. Chaidh Microsoft Excel a chleachdadh gus stòr-dàta a thogail. Cha robh e comasach anns a’ chiad dol a-mach ge-tà fichead cunntas Twitter fhaighinn aig buidhnean Gàidhlig a bha a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig a-mhàin.

Bha e soilleir nach biodh sin prataigeach agus mar bhuil, chaidh an riatanas seo a ìsleachadh gu leth-cheud sa cheud (50%) cleachdadh na Gàidhlig anns na fichead tuitichean mu dheireadh aig buidhnean Gàidhlig o là breith nan cunntasan.

Gus fichead cunntas fhaighinn rinn mi cinnteach gun robh an cunntas fhathast beò agus feumar gun deach an tuit mu dheireadh a chur a-mach taobh a-staigh sia seachdainean o chionn latha an sgrùdaidh; agus rinn mi cinnteach gum b’ e Gàidhlig a’ chànain a bha air a cleachdadh na bu trice na cànan eile – mar sin, nan tuiteadh buidheann 50% ann an Gàidhlig agus 51% ann an cànan eile, cha bhitheadh an cunntas seo air a chleachdadh.

Falmouth-Taisbeanadh.005

Chaidh liosta thagraichean a dhèanamh de bhuidhnean Gàidhlig air fhoillseachadh air làrach-lìn aig Bòrd na Gàidhlig agus an uair sin chaidh pròiseas-taghaidh a chruthachadh gus fichead chunntas Twitter aithneachadh.

Chaidh na buidhnean Gàidhlig a sheòrsachadh ann an trì pàirtean: Ùghdarras laghail, Dleastanas traidiseanta agus Dleastanas ùr laghail.

Chaidh na cunntasan aca a lorg air Twitter agus chaidh cunntasan dàrnach Twitter a lorg bho bhuidhnean leasachaidh na Gàidhlig cuideachd.

Bha ceumannan eile gus na toraidhean a dh’fhaighinn ach chan eil àm gu leòr sin uile a mhìneachadh gu lèir.

Falmouth-Taisbeanadh.006

A thaobh an dara cheist rannsachaidh: Bha trichead sa seachd buidhnean leasachaidh na Gàidhlig ann an Dùbhlachd dà mìle trì deug, a rèir làrach-lìn aig Bòrd na Gàidhlig, agus lorg mi nach robh ochd buidhnean deug a’ cleachdadh Gàidhlig sam bith ann an tuitichean – seo mu leth-cheud a-mach a ceud – agus lorg mi nach robh cunntasan Twitter aig còig dhaibh idir.

Falmouth-Taisbeanadh.007

Chunnaic mi cuideachd gun robh trì buidhnean leasachaidh gu math dèidheil air Twitter.

Ged a bha cunntasan aig MG Alba, Sabhal Mòr Ostaig agus Stòrlann, bha cunntasan dàrnach Twitter aca cuideachd. Bha ceithir aig MG Alba, 2 dhiubh aig Sabhal Mòr Ostaig agus dà aig Stòrlann.

Falmouth-Taisbeanadh.008

Thathar a’ faicinn anns a’ Handout, duilleag a dhà, bòrd A, gun robh aon chunntas aig MG Alba a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig a-mhàin (@BBCAimsir) agus gun robh còig cunntasan aig gach ìre dleastanais na Gàidhlig a’ cleachdadh Gàidhlig ann an gach tuit (@BBCAimsir, @ParlAlba, @BBCSpors, @pnanealan agus @SabhalMorOstaig).

Falmouth-Taisbeanadh.009

Bòrd A a-rithist: A rèir coimeas ann an cleachdadh eachdraidheil na Gàidhlig air stòr-dàta Indigenous Tweets thathar a’ faicinn gun d’ rinn @SabhalMorOstaig an leum as àirde bho 56.5% cleachdadh na Gàidhlig gu 100%; agus gun d’ rinn @BBCNaidheachdan an lùghdachadh nas àirde bho 91.5% cleachdadh na Gàidhlig gu 70%.

Cuideachd, thathar a’ faicinn gun robh àrdachadh ann an cleachdadh na Gàidhlig le gach cunntas ach trì: @gaelicmedia (bho 81.5% gu 75%); @BBCnaidheachdan (bho 91.5% gu 70%) agus @leughleabhar (bho 66.8% gu 60%).

Falmouth-Taisbeanadh.010

Airson an treas ceist rannsachaidh: Mar a chì sinn anns a’ Handout, duilleag a trì, bòrd B, bha gach buidheann na Gàidhlig a’ cleachdadh Twitter gus postaichean as ùire a chur a-mach no ’status updates’ mar a theirear anns a’ Bheurla.

Cha robh ach aon bhuidheann – Sabhal Mòr Ostaig – a’ cleachdadh Twitter ann an gach seòrsa. Chleachd 7 buidhnean Gàidhlig, no 10 cunntasan, Twitter gus naidheachdan a chur a-mach. B’ e sin a’ phrìomh chleachdadh Twitter le Bòrd na Gàidhlig.

Chleachd 13 cunntasan bho 9 buidhnean Gàidhlig Twitter gus còmhradh a dhèanamh leis an luchd-leantainn.

Chuir 6 buidhnean Gàidhlig 15 dealbhan a-mach air Twitter.

Chaidh 13 molaidhean a chur a-mach le 5 buidhnean air Twitter.

Chaidh tuitichean a sgrìobhadh ann an dòigh sòisealta is gu pearsanta le cunntasan aig 10 buidhnean Gàidhlig (beannachdan na Nollaige).

Falmouth-Taisbeanadh.011

A thaobh an ceathreamh ceist rannsachaidh: bidh mi a’ bruidhinn air dealbh-aithne. 

Tha fios againn gu bheil na buidhnean Gàidhlig anns an rannsachadh seo a’ sgrìobhadh tuitichean na Gàidhlig, ach thathar a’ faicinn gu bheil cuid de bhuidhnean na Gàidhlig a’ cleachdadh Gàidhlig anns an duilleag-pròifil agus anns an dealbh aca.

Thathar a’ faicinn gu bheil Gàidhlig ann an seachd dealbhan agus gu bheil Beurla ann an dealbh aig @LearnGaelicNet. ‘S e iomairt a th’ ann an LearnGaelic.net a tha ag obair le buidhnean ann an gach ìre far a bheil dleastanas-rianachail aig Clì Gàidhlig (Clì Gàidhlig, 2013).

Thathar a’ faicinn cuideachd nach eil ainm Gàidhlig gu lèir aig @gaelicmedia, @Acairbooks no LearnGaelic.

A thaobh dearbh-aithne aig LearnGaelic tha e a ’dèanamh ciall gu bheil Beurla aice ge-tà.

Cuideachd, tha e soilleir gun robh MG Alba agus Bòrd na Gàidhlig anmoch gu Twitter oir tha na cunntasan ‘@MGAlba’ agus ‘@BòrdnaGàidhlig’ aig cuideigin eile.

Falmouth-Taisbeanadh.012

Airson an còigeamh ceist rannsachaidh:

Thathar a fhaicinn ann am bòrd C, duilleag a ceither an Handout, gun deach tagaichean-hais a chleachdadh 299 uaireannan gu lèir far an robh 89 tagaichean-hais eadar-dhealaichte air cleachdadh le 17 cunntasan.

Chaidh dusan tagaichean-hais eadar-dhealaichte a chleachdadh le trì no barrachd cunntasan.

Falmouth-Taisbeanadh.013

Thathar a’ faicinn gun robh ‘Gàidhlig’, ‘Gaidhlig’ agus ‘Gaelic’ na tagaichean-hais nas bitheanta agus gur e Bòrd na Gàidhlig agus LearnGaelic.net na cunntasan as trice a tha cleachdadh ‘#Gàidhlig’.

Thathar a’ faicinn gun do cleachd mòr-chuid de na buidhnean Gàidhlig tagaichean-hais (Hash-tags) air Twitter cuideachd. Cha do chleachd @BBCNaidheachdan, @BBCAimsir no @RnASgiobaG tagaichean-hais idir.

Thathar a’ faicinn cuideachd gu bheil a’ mhòr-chuid a’ cur a-mach tuitichean gu tric; gu bheil iad a’ leantainn cunntasan eile; agus gu bheil iad a’ sgrìobhadh do chunntasan eile agus a’ sgrìobhadh fhreagairtean. Cha do chleachd @ceumannan, @LeabharlannSMO, @RnASgiobaG no @BBCNaidheachdan Twitter gus conaltradh ri luchd-leantainn.

Falmouth-Taisbeanadh.014

Mar cho-dhùnadh: Tha e fìor a ràdh gu bheil buidhnean Gàidhlig a’ cleachdadh Twitter ann an aon dhòigh no eile agus gu bheil Twitter na inneal ùr fhathast aca; ach tha e fìor a ràdh cuideachd nach eil gach buidheann Gàidhlig a’ sgrìobhadh tuitichean anns a’ Ghàidhlig.

Bha duilgheadas aig tòiseach an rannsachaidh seo far nach robh ach aon bhuidheann a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig a-mhàin ann an cunntas dàrnach; agus cha robh ach 21 buidhnean Gàidhlig à 37 a’ sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig.

Cuideachd, a-mach na 20 buidheann-tagraidh, cha robh ach còig cunntasan a’ cleachdadh Gàidhlig ann an gach tuit. Mar sin, ’s e fianais eile a th’ ann nach eil mòran Gàidhlig air a cleachdadh air Twitter a’ cur ris an fhianais aig Caulfield (2013), Caimbeul agus NicGhriann (2011).

Air an làimh eile, tha fianais againn gu bheil buidhnean Gàidhlig a’ cleachdadh Twitter, agus anns a’ Ghàidhlig. Tha iad nam buidhnean tùsaireach, mar gum biodh agus tha e math fhaicinn gu bheil MG Alba an sàs le iomadaidh chunntasa (@gaelicmedia, @FilmGAlba, @BBCNaicheachdan, @BBCAimsir, @BBCSpors agus @LearnGaelicNet).

‘S e fianais a th’ ann cuideachd gu bheil MG Alba ag obair còmhla ri buidhnean eile (BBC agus na buidhnean Gàidhlig an sàs ann an LearnGaelic.net). Tha sin a’ cur taic don mholadh agam gur e MG Alba am buidheann Gàidhlig as fhèarr gus ro-innleachd a chur air dòigh a thaobh na meadhanan sòisealta agus na meadhanan didseatach.

Ach feumaidh sinn a bhith faicealach air càite am faigh sinn am maoineachadh airson sin a dhèanamh.

Falmouth-Taisbeanadh.015

Thathar a’ faicinn gun robh MG Alba, Pàrlamaid na h-Alba agus Sabhal Mòr Ostaig an sàs ann an tachartasan mu Twitter agus cuideachd gu bheil iad a’ cleachdadh Gàidhlig ann an gach tuit a sgrìobh iad nuair an deach an rannsachadh seo a dhèanamh. Bhiodh iad math, nam bheachdsa, nam bhiodh na triùir seo ag obair còmhla air ro-innleachd ùr còmhla riumsa aig Social Media Alba. Tha e soilleir gu bheil iad a’ faighinn Twitter feumail.

Bha e math fhaicinn gun robh mòr-chuid nam buidhnean Gàidhlig an sàs ann an dòigh sòisealta agus gun robh iad a’ bruidhinn ann an còmhraidhean ri luchd-leantainn no ‘custamairean’ agus gu bheil iad dèonach tagaichean-hais a chleachdadh oir ’s e dòigh eile a’ th’ ann gus mothachadh na Gàidhlig a dhèanamh air an eadar-lìon.

Cuideachd, thòiseach buidhnean Gàidhlig dòighean ùra gus Twitter a chleachdadh mar inneal mhargaideachd gus mothachadh na Gàidhlig àrdachadh. Chleachd Oilthigh Ghlaschu taga-hais #GULnaG gus Latha na Gàidhlig a chur air adhart ann an iomairt Twitter. Shaoilinn gur e a’ chiad thuras a bha buidheann na Gàidhlig air taga-hais a chleachdadh mar phàirt de iomairt mothachadh na Gàidhlig eadar roinnean eile agus a’ phoball agus ’s e puing inntinneach a th’ ann gur e ceangal a bh’ ann eadar am film a chaidh a-steach bho oileanach aig an aon Oilthigh agus gun robh Là na Gàidhlig a’ tachairt dà mhìos ro-làimh.

Bu toil leam a ràdh gun robh an t-oileanach air brosnachadh leis an iomairt agus fàs na Gàidhlig air Twitter. Ma bhios cothrom ann san àm ri teachd rannsachadh a dhèanamh air a’ chuspair seo bhiodh e math freagairtean gu beachdan mar sin fhaighinn a-mach.

Gu mì-fhortanach, cha robh e comasach sin a dhèanamh anns an tràchdas agam agus mar sin tha mi an dòchas gum biodh cothrom agam sin a dhèanamh san ri teachd.

Falmouth-Taisbeanadh.016

Advertisements