Lorg

Seumaidh ®

Mo bheatha agus beachdan ann am faclan

taga

Glaschu

Margaid eile an-diugh ann am Pollagshaws #gàidhlig #margaid #margadh #Glaschu

Chaidh mi dhan margaid eile an-diugh faisg air Morrisons ann an Rathad Newlandsfield ann an togladh ùr aig Comman Ballcoise Phollag.

Bha am margadh seo a chuir air dòigh le “Smack Ma Pitch Up” (Cuir Mo Phiots Air).


Seo neach-obrach aig Smack Ma Pitch Up a’ cluich le ropa agus ball. Bha carthannas ann cuideachd aig an doras.

Chaidh mi a-steach agus bhruidhinn mi dithis – bha iad na luchd-ealain. Bha fear ann cuideachd bho an-dè (Chris Masson às an Gearasdan). ‘S e tidsear a th’ ann an tè eile, Linda Gillon, agus bha i ag innse dhomh nuair a bha i naoi bliadhna dh’aois, bhuannaich i co-fharpais ealain thar na sgoiltean ann an Glaschu gus tachartas sònraichte a chuimhneachadh (Glasgow 900).

A’ chiad cothrom-reic aig Linda Gillon:


Chris Masson Creates: 
Tùs: https://www.facebook.com/chrismassoncreates/posts/502759043220391:0

Tha e math, chan eil, tha e air leth, gu bheil mòran margaidean pop-up mar sin a’ tachairt gu tric. Comharradh ’s dòcha gu bheil misneach a’ fàs ann an sgìrean far nach robh cus cothroman a dhèanamh sion sam bith.

Advertisements

Latha Naomh Dhaibhaidh sona dhuibh! #DyddGwylDewiHapus #Gàidhlig

Dydd Gwyl Dewi Hapus!

Latha Naomh Dhaibhaidh 2012

Seo an toradh de iomairt a rinn mi ann an 2012 a chur Gàidhlig air adhart air feadh an RA:

TomHarris
Three years ago, I asked my MP, Tom Harris to ask the Coalition to grant Scottish Gaelic the same rights as Welsh in the UK. He raised this in Parliament in EDM 2822 and received cross-party support. The Government spokesperson says Harris had his chance when he was Transport Minister during the last period of governance. To date the situation remains unchanged and it is not possible to use Scottish Gaelic with UK services such as DVLA, TV Licensing and DirectGov.

Bha Roinn na Còmhdhalachd an aghaidh sin – bha e ’ro chosgail’:

c98f8-minstrans-gaelic29mar12

Coimisean Mhic a’ Ghobhainn (2014)

An-uraidh, bha coinneamh eile le Tom mu dheidhinn Coimisean Mhic a’ Ghobhainn. Chaidh pìos ann an alt air sgrìobhadh san Albannaich  air seo cuideachd. Gu ruige seo, cha chuala mi sion air ais bho Tom air an cuspair seo, ach aig an àm cha robh e a’ coimhead ro chofhurtail.

Ach cha d’thuirt Coimisean Mhic a’ Ghobhainn mu dheidhinn cùmhachdan do dh’Alba gus Gàidhlig a bhrosnachadh.

Taghadh Pàrlamaid Westminster 2015

Tha e fiòr a ràdh gun robh Tom Harris MP ag èisteachd rium mar an neach-taghaidh roinne-pàrlamaid aige, agus gun do rinn mi-fhèin math a chur m’ argamaid air adhart. ‘S toil leam gu do dh’ fheuch Harris ann an 2012 rudeigin a dhèanamh agus tha mi gu math taingeil. Co-dhiù, an-uraidh, bha e follaisach nach robh Harris cho misneachail mun a’ Ghàidhlig na bha e ann an 2012.  Tha e soilleir dhomh cuideachd, ged nach robh iomairt ann, bhon bhideo Youtube o chionn, gun robh cothrom aige rudeigin a dhèanamh nuair a bha cothrom aige eadar 7 Sep 2006 to 6 Oct 2008.  Tha e glè shoilleir dhomh cuideachd nach eil ùidh aig na Toraidhean air brosnachadh na Gàidhlig san RA agus nach bi ùidh no fiù ’s cùmhachd aig a’ Phartaidh Làbarach gus atharrachaidhean deimhinniche na Gàidhlig a dhèanamh. Tha mi a’ faicinn gluasadan deimhinniche aig a’ PhNA ge-tà gus Ghàidhlig a bhrosnachadh, ceum air cheum aig cois-cheum leis an t-sluagh. Mar sin, gu ìre seo, tha mi a creidsinn gum biodh bhòt don PNA glè luachmhòr dhan a’ chànain.

nicola-leanne
The leader of the SNP, Nicola Sturgeon, and the leader of Plaid Cymru, Leanne Wood. I believe that in a progressive society, the Scottish Gaelic and Welsh languages will flourish and I have confidence in both Nicola and Leanne to bring about positive measures for our native languages.

Le sin air ràdh, bidh mi fhathast a’ cuir ceistean do gach tagraiche san sgìre agam. Tha mi a’ creidsinn gu bheil Gàidhlig cudromach airson Glaschu agus na bailtean is sgìrean mun chuairt. Agus aig ìre RA, bu chòir do Ghàidhlig a bhith a’ cluich aig ìre nas motha aig an aon ìre mar a tha e leis a’ Chuimris.

Dydd Gwyl Dewi Hapus 2015

1403206_10200852421152372_1571925311_o

Là Dubh Ghlaschu ’s na h-Alba – Tubaist-heileacoptair ann an Glaschu aig an Taigh-Osda #Clutha

IMG_0084

Prìomh Mhinisteir: “‘S e latha dubh a th’ ann airson Glaschu agus Alba.”

la-dubh copy

Bha tubaist-heileacoptair ann an Glaschu aig an Taigh-Osda ‘Clutha’ a-raoir.

Chan fhaca mi a leithid. Tha mo ghuth is mo ghuidhe leis a h-uile duine an sàs.

Tha mi nam agallamhaiche…aidh, mise!

2013-02-23 09.08.38
Seumaidh aig an Ionad Saor-Thoileach

Thòisich mi obair ùr an-diugh airson na Geamaichean Cho-Fhlitheas Ghlaschu. Tha mi nam Frontrunner agus tha mi a’ dèanamh agallamhan a lorg arm de 15,000 saor-thoileach airson an ath bhliadhna. Tha mi ag amas a dhèanamh 100 uair ro 15mh an Dùbhlachd. An-diugh cha d’ rinn agallamhan. An àite, bha mi a’ dèanamh GMS – ag obair air na compuitairean a’ dèanamh cinnteach gu bheil dearbh-aithnean nan daoine ann airson agallamhan ceart gu leòr. Bidh mi air ais Diciadain airson agallamhan dhèanamh!

Faigh bloga air Wordpress.com.

Suas ↑