Tha mi a’ gabhail srùbag an-dràsda, cofaidh agus pìos ceic, ann am bùth chofaidh saor an asgaidh. ‘S e iomairt shòisealta a th’ ann far am bheil luchd-ceannard faigh lòn airson tiodhlac. Tha tòrr iomairtean eile an seo cuideachd mar phàirt de “Market on the Corner” a tha a’ tachairt gach mìos air a’ chiad Disathairne is Didòmhnaich.
Seo Dennis, stiùiriche Free Lunch Cafè agus neach saor-thoileach:

  

Chunnaic mi càraidean an seo am feasgar seo. Colin bho na clasaichean còmhraidh a rinn mi ann an Glaschu ann an 2010 – 2012; chunnaic mi Sarah agus Mark bho Coffee and Craic agus Dennistoun Photographers; agus chunnaic mi Sophia bho Treemendus, gnìomhachais shòisealta an sàs anns an togladh seo. Seo am fèineag againn:


Chunnaic mi luchd-borsch bho Glad Rags ‘Thrift Store’ cuideachd. Tha bùth aca faisg air an Glad Café ann an Shawlands, taobh a deas Ghlaschu.


Bhruidhinn mi ri Ian aig Galgael, Carol aig Creating Space agus Carrie a tha a’ dèanamh bùth-obrach ag obair le glainne ann an dathan eadar-dhealaichte agus a’ dèanamh seudraidh.

‘S toil leam an obair aig Galgael. Nach biodh e math ge-tà nam biodh Alba is Gàidhlig eile cleachdte air an obair aca? Seo Ian le pìos obair sgoinneil le dealbh na h-Alba…


Seo Carrie a’ cruthachadh bàta a-mach a ghlainne:

Agus seo Carol aig Creating Space a’ dèanamh’madela’ ann am bùth-obrach fosgailte. Bha i ag ràdh dhomh gu bheil i a’ lorg cothroman eile gus bùthan-obrach eile a dhèanamh.

Tha nìthean gu leòr airson cloinne mar ‘Messy Kids’ agus ‘Hamster Wheel’:

Agus airson na daoine a tha ag iarraidh àm son fois agus a chillax tha seòmar dorcha ann a’ cluich ceòl sònraichte aig an ‘Dream Machine‘, iomairt shòisealta eile.


Chòrd an tadhal seo rium gu mòr an-diugh. Bidh mi air ais gun teagamh.


Fhuair mi moladh a dhol do mhargadh eile ri taobh an seo, agus mar sin chaidh mi gu BaaD airson greis.

Chunnaic mi ann mòran stuthan Albannach ann agus tòrr duine cruthachail. 

   
 

Advertisements