Fhuair mi teachdaireachd bho Clàr a-raoir a thaobh leabhraichean-d Ghàidhlig! ‘S e deagh naidheachd a th’ann – nam bheachdsa. Thuirt Clàr mar freagairt air mo bhlog gum bi iad a’ sgrìobhadh do ùghdarran a bha an sàs san sgèama Ùr-Sgeul airson cead nan leabraichean a reic air loidhne mar leabhraichean-d.

‘S e foillsichear Gàidhlig a th’ann an Clàr, agus a rèir an cunntas Twitter aca, tha iad ag obair neo-eisimeileach agus saor-thoileach.

Seo dè sgrìobh am buidheann:

Hi A Sheumais a charaid

Deagh naidheachd (tha sinn an dochas?). Theid a h-uile leabhar Ur-Sgeul a chur ann an cruth diodsatach – ma tha na h-ughdaran fhein ga iarraidh agus deonach – eadar seo agus deireadh 2014 (ma cheadaicheas an uine dhuinn!). Tha sinn air toiseachadh. Bidh sinn a’ cur fios gu na h-ughdaran. Tha sin a’ ciallachadh gu faod corr is 30 nobhail agus cruinneachadh de sgeulachdan goirid a bhith ann, an uine nach bi ro fhada, ma theid leinn. Bidh CLAR a’ deanamh sin agus cumaidh sinn fiosrachadh riut.

Cuideachd, theid Air Cuan Dubh Drilseach le Tim Armstrong (foillsichte le CLAR) a dheanamh mar leabhar didsiotach cuideachd, nas fhaide air a’ bhliadhna seo.

Leis gach deagh dhurachd,

CLAR
@clargaidhlig

 

Advertisements