Helen 's mi-fhìn
Helen ’s mi-fhìn

Tha na Duaisean Gàidhlig a chaidh seachad agus bha mi-fhèin is mo charaid toilichte a bhith ann. A rèir na faclan a thuirt Torcuil Crichton aig a’ Daily Record, bidh Gàidhlig a’ beòthail tron a’ 21mh linn, gun teagamh. An ath bhliadhna, tha mi an dòchas gum bi sponsaireachd a’ tighinn a-steach bho chompanaidean prìobhaideach eile agus cuideach barrachd molaidhean.Thàinig 178 ainmeachaidhean/molaidhean a-steach am bliadhna – agus ’s e rud air leth a tha seo – ach cha d’ rinn ach 30 molaidhean chun na liosta mu dheireadh. Rinn mise trì molaidhean, sgrìobhte mi iad sa ghàidhlig cuideachd, ach cha do shanas iad – ach ann an doigh ’s e deagh rud a tha seo air sgàth gur e fianais a th’ ann cuideachd gu bheil mòran duine / proiseactean ann ag obair trang leis agus anns a’ Gàidhlig agus a’ brosnachadh a’ chànan [co-dhiù 148] – a thuilleadh air na figuran bhon a’ chunntas sluaigh a tha air clàradh gu bheil na aireamhean airson Gàidhlig air an fharsaingerachd a’ dol suas.

‘S math a rinn a h-uile duine a bhuannaich duaisean agus don a h-uile duine eile agus cuideachd do Ariel Killik airson deagh fhìlte aig tòiseach an oidhche, Carina NicLeòid a bha gu math eibhinn a’ dèanamh rud beag comadaidh agus do Alasdair Mac Ille Bhàin is Cairaidean airson ciùil aig deireadh na h-oidhche.

Luchd-buannachaidh na h-oidhche:

– Sàr Dhuais na Gàidhlig: Beathag Mhoireasdan
– An Duais Spòrs: Colm O’Rua
– An Duais airson Iomairt san Àite-obrach: Fiona Dunn
– Tosgaire Òg na Bliadhna: Alasdair Mac a’ Phì
– An Duais Ealain is Chultarach: Na Caimbeulaich
– An Duais Choimhearsnachd, Dualchais is Turasachd: Shawbost Community in association Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais
– An Duais Eadar-nàiseanta: Mìchael Klevenhaus
– Duais: Innleachdas ann am Foghlam Gàidhlig: Clas 4/5 – Bun Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
– Duais Luchd-ionnsachaidh: Gàidhlig Dumgal
– An Duais airson Tachartas: Na Mo Chuid Aodaich

Advertisements