2013-04-20 13.40.44

Às dèidh bliadhna sgoilearach aig Sabhal Mòr Ostaig tha mi air ais aig taigh mo phàrantan airson dreis. Rinn mi mo dhìcheall mo chuid Gàidhlig a mhathachadh agus dh’fhàg mi le càirdean agus féin-fhiosrachaidhean ùra. Dh’ionnsaich mi tòrr mu dheidhinn bheatha nan Gàidheal òga agus cuideachadh gu bheil àm gu leòr airson beagan spors bho àm gu àm!

Chòrd e rium a’ dol do Café Ostaig a bhruidhinn gu nadurrach sa Gàidhlig, na clasaichean drama agus dealbh-cluiche, na ceilidhean fèin-thoileil agus cùrsa reidio a rinn mi.

Tha mòran mòran cothroman an sin an cànan a chleachdadh gu nadurrach agus gu proifeiseanta. Tha an colaiste seo a’ deanamh obair fìor mhath. Bha mi moiteil a bhith an sàs ann an tòiseachadh na sgioba ball-coise, CONEA agus an t-iomairt Oileanaich le Chèile .

Taobh a-muigh am foghlam, feumaidh mi ràdh gur ann na h-oidhche a bhruidhinn mi aig coinneamh Yes Skye airson Alba neo-eisimeileach a bha an soillsich agam.