Brochan no Lite

Nuair a bha mi aig bracaist, bha sinn a’ bruidhinn air mar cha toil leam brochan le salainn. Thuirt caraid gur e rud Sassanaich a bh’ ann! ‘S fhèarr leam am brochan agam gu math milis no gu naddurach. Am feasgar seo, bha mi a’ leughadh an leabhar ùr agam le bàrdachd a thug mi airson mo cho-là breith seachdain air ais: “These Islands We Sing”, deas. le Caomhainn MacNèil; agus leugh mi an dàn seo le Anna Frater (d.210):

Lit’ Gun Shalainn

Sgian dubh ’na stocainn

agus Beurla na bheul
moladh lit’ sa mhadainn
’s e cur muesli na bhòbhl;
‘Chan fhaighear nas fhèarr na ’n t-uisge-beatha.’
Ach ’s e Martini bhios e ‘g òl…
nach ann truagh a tha’n cluaran
le boladh an ròis!

Cha do mholadh mi am brochan an seo no uisge-beatha – ’s fhèarr leam leann! Dearbhadh fhèin gu bheil mi nam Albannaich!

Advertisements